
17/05/2012
Ag obair bhon taigh, beachd air film ùr 'Dark Shadows' agus farpais-cheist ann an Dùn Èideann. Working from home, a review of the film Dark Shadows and a quiz in Edinburgh.
Tha an Riaghaltas air a ràdh gum faod tòrr de luchd obrach na Seirbheis Chatharra obrachadh bhon taigh fhads a tha na Geamannan Oilimpigeach a' gabhail àite ann an Lunnain - ach a bheil sinn buailteach a bhith air ur tarraing gu rudan eile ma tha sinn ag obair bhon dachaigh?
Cluinnidh sinn beachd Marie NicMhathain air an dealbh ùr "Dark Shadows" a chaidh a stiùireadh le Tim Burton.
Agus thèid farpais-cheist a chumail ann an Dùn Èideann air an ath mhios. Tha an tè seo ainmeil air sgàths cho doirbh 'sa tha e na freagairtean fhaighinn ceart. Cluinnidh sinn mun tàladh a tha ann a bhith an luìb farpais-cheist bho dhaoine a tha a-dol an sàs annta a-rithist agus a-rithist.
Last on
Broadcast
- Thu 17 May 201212:03BBC Radio nan Gàidheal