
Fiona NicIllinnein a' faicinn mar a tha rabaidean air a bhith nam plàigh ann a Nis. Fiona MacLennan discovers how the community of Ness is trying to manage rabbit numbers.
Tha Fiona NicIllinnein ann a Nis ann a Leòdhas, 's i coinneachadh ri cuid de mhuinntir na sgìre airson bruidhinn mun trioblaid a tha rabaidean air a bhith 'g adhbharachadh dhaibh. Tha i bruidhinn ri Doileag Chaimbeul ann am baile Eoropaidh, baile a tha stèidhichte air talamh-machrach. Tha Doileag ag innse mar a tha na rabaidean ag ithe na tha 'd a' cur de ghlasraich agus a' tolladh ghàrraidhean is leasan. Tha Tormod MacThòmais bho Urras Ghabhsainn ag innse mu na deifir oidhirpean a chaidh a dhèanamh airson cuidhteas fhaighinn air na beathaichean. Agus tha Roddy John Dòmhnallach air croit air a' mhachair le gunna, 's e ag innse mu mar a thathas gam marbhadh. (Dh'fhaodadh gun dean cuid de na tha ri chluinntinn ann a seo dragh do chuid agaibh.).
Last on
Broadcasts
- Tue 24 Apr 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 24 Apr 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Apr 201210:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 22 Jul 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 22 Jul 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Jul 201309:30BBC Radio nan Gàidheal