
Episode 2
A' comharrachadh 200 bliadhna bho rugadh an sgrìobhaiche Teàrlach Dickens. Mark Wringe and Donald MacLeod commemorate the life and works of Charles Dickens.
Tha Dòmhnall MacLeòid a' fuireach ann am baile Rochester ann an Sasainn - am baile anns an deach Dickens àrach, far an do thòisich e sgrìobhadh agus far an do rinn e tàmh na inbheach .
Anns na prògraman seo, tha e fhèin agus Mark Wringe a' dol mu chuairt a' bhaile 's iad a' ruith air na làraichean a chleachd Dickens anns na sgeulachdan aige.
Ann am prògram an là an-diugh, tha 'd cuideachd a' tadhal air an taigh a cheannaich e. Tha Gad's Hill House an-diugh na sgoil agus an seòmar anns am biodh Dickens a' sgrìobhadh air a chaomhnadh dìreach mar a bha e. Bidh iad cuideachd aig Taigh an Luchd-Taistil Bhochd a chleachd Dickens airson sgeulachd The Seven Poor Travellers a chruthachadh, aig an chalet anns am biodh e a' sgrìobhadh as t-samhradh agus aig Àrd-eaglais Rochester, far a bheil uaigh fear Dorrett, a thathar an dùil a chruthaich an ainm Little Dorritt.
Seo an dàrna prògram de cheithir bho 2012 a bha comharrachadh 200 bliadhna bho rugadh an sgrìobhaiche Teàrlach Dickens agus ann a 2020 tha sinn a' comharrachadh gu bheil 150 bliadhna bho chaochail e.
Last on
Clip
![]()
Dickens @ 200
Duration: 01:06
Broadcasts
- Tue 31 Jan 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 31 Jan 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Feb 201210:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 27 Dec 201208:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 26 May 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 26 May 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 31 May 202010:00BBC Radio nan Gàidheal
