Last on
Truailleadh ann an Kosovo

Tha sinn uile mothachail gu bheil prìs an dealain a' dol suas ach ann an Kosovo tha e nas daoire buileach. Tha cuid an sin den bharail gu bheil an dòigh sa thathas a’ cruthachadh dealain ag adhbharachadh truailleadh a tha a’ milleadh slàinte dhaoine. Tha an stèisean dealain Kosovo A a’ cuir a-mach fichead sa ceithir uiread a bharrachd do stùr dhan iarmailt na tha ceadaichte. Ach a bheil roghainn eile aig Kosovo an dealan a tha dhìth a chruthachadh?
Pollution in Kosovo

Everyone is aware of rising energy costs but in Kosovo some claim that they are paying a much higher price. They say that the way that electricity is generated there creates pollution which is damaging to health. The Kosovo A power plant emits 24 times the permitted limit of dust and ash into the atmosphere. Does Kosovo have any other options to generate power?
Luibhre ann an Romàinia

Tha leigheas ann san latha diugh airson luibhre agus chan eil e gabhaltach. Ach cha ghabh cron an tinneis a chàradh. Ann an Tichilesti, baile beag sàmhach suidhichte ann an gleann ann an ear thuath Ròmainia tha a’ choimhearsneachd lobhair mu dheireadh san Roinn Eòrpa. Thadhail Eòrpa air an sgìre gus dealbh a thogail den choimhearsneachd annasach seo.
Leprosy in Romania

Today leprosy is a cureable disease. However, the effects of the illness cannot be reversed. In Tichilesti, a peaceful hamlet in north eastern Romania, is the last community of people with leprosy in Europe. Eòrpa visited the area to meet the inhabitants of this interesting community.
Laghan a thaobh canab san Òlaind

Tha an Òlaind aithnichte gu h-eadar nàiseanta airson, am measg rudan eile, a bhith leigeil le daoine a bhith cleachdadh canab ann an taighean cofaidh sònraichte. Ma gheibh an riaghaltas an cead ge tà chan fhada gus am bi an lagh air a theannachadh gu mòr a thaobh dhrogaichean le oidhirpean gus stad a chuir air turasachd dhrogaichean. Tha Darren Linc air a bhith san Òlaind a’ faighneachd dè dh’fhaodadh seo ciallachadh dhan dùthaich.
Cannabis laws in the Netherlands

One of the things for which the Netherlands is famous internationally is for allowing people to use cannabis in special coffee shops. Now, however, the government is attempting to tighten drugs laws and to tackle drugs tourism. Darren Laing has been in the Netherlands to find out what the implications of this could be.
Broadcasts
- Wed 30 Nov 201120:30
- Fri 2 Dec 201119:25
- Sat 3 Dec 201120:00
- Sat 3 Dec 201123:30
- Sun 4 Dec 201117:30BBC Two Scotland
Podcast
![]()
Eòrpa
Gaelic current affairs reporting on political, social and cultural issues across Europe


