
Episode 1
A' bhuaidh a th' air a bhith aige air ar cainnt laitheil agus ar litreachas le Anna NicLeòid. The impact the King James Bible has had on our language and literature.
Tha ceithir cheud bliadhna bho nochd am Bìoball aig an Rìgh Seumas an toiseach agus chan eil e air a bhith a-mach à clò bhon uairsin. Tha buaidh mhaireannach air a bhith aige air litreachas is cànan thar nam bliadhnaichean.
Anns a' chiad phrògram tha Anna NicLeòid a' toirt sùil air a' bhuaidh a th' air a bhith aig Bìoball an Rìgh Sheumais thar nan ceithir cheud bliadhna air litreachas, foghlam, bàrdachd, poilitigs, na meadhanan agus air cainnt làitheil na dùthcha.
Am measg na tha gabhail pairt anns a' phrogram tha D R MacLeòid a bha na neach-teagaisg, Maletta NicPhail bàrd agus neach teagaisg, an t-Oll Urr Ruairidh MacLeòid, an t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn, na bàird Ghàidhealach Aonghas Pàdraig Caimbeul agus Aonghas Dubh MacNeacail.
Tha Anna cuideachd a' tadhal air taobh a-muigh Lùchairt Westminster far a bheil i coinneachadh ri dithis aig a bheil eòlas air a' bhuaidh a th'aig a' Bhìoball air poilitigs agus na meadhanan. Air a turas cuideachd tha i a' stad aig Lùchairt Hampton Court far an deach a' chiad cho-labhairt a chumail mu ath-sgrìobhadh a dhèanamh air a' Bhìoball ann an 1603.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Broadcasts
- Wed 2 Nov 201113:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Nov 201122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Nov 201110:30BBC Radio nan Gàidheal