
Episode 8
Bha Mhansa MhicPhàil gu Allt a' Chromanais ann a Nis. Còmhla ri Fionnlagh Macleòid. Finlay Macleod's journey in Ness takes him from MacPhail's Manse to Allt a' Chromanais.
Ann a 2002 thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Robhanais agus Dail bho Dheas.
Anns a' phrògram gheibh sinn a-mach bho Fhionnlagh mu Chnoc Cheogaidh, Mansa MhicPhàil agus Dun Slèibh. Tha e a' dol cuairt dhan chladh còmhla ri Tormod Mac a' Ghobhainn aig a bheil mòran fiosrachaidh mun chladh agus cluinnidh sinn bhuapa mu Alasdair Bàn a bhàsaich ann a Sùlaisgeir agus mu fhear air a robh an Gobha Gorm. Tha Fionnlagh cuideachd ag innse mu Chromanais agus a' toirt dhuinn eachdraidh a fhuair e bho Chrissie Fenton mu Bhodach na Fiosachd is eile.
Last on
Broadcasts
- Tue 11 Oct 201113:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Oct 201122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Oct 201110:03BBC Radio nan Gàidheal