
07/10/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 638
Duration: 05:00
Litir 638: Gille Dubh Locha Druing
Tha loch an an sgìre Gheàrrloch ann an Ros an Iar a tha clàraichte air na mapaichean mar Loch an Draing. Tha e gu siar air baile beag air a bheil An Uamhghaidh ann an Gàidhlig. Tha am baile clàraichte air a’ mhapa mar Cove, an t-ainm a th’ air ann am Beurla. Tha Loch an Draing ann an suidheachadh brèagha le druim agus coille nàdarrach air a chùlaibh.
Chan eil ciall an ainm, Loch an Draing, soilleir idir. Agus, gu dearbh, chan ann mar sin a chanas muinntir an àite e co-dhiù. Canaidh iadsan “Locha Druing” no “Locha Dring”. Bha Uilleam MacBhàtair dhen bheachd gur e ainm Gàidhlig a bh’ ann, ’s dòcha ainm pearsanta. Gu cinnteach, ’s e ainmean Gàidhlig a th’ air na lochan eile faisg air làimh.
Ach, a thaobh druing, tha mi a’ mothachadh gun robh facal anns an t-Seann Lochlannais – drengr – a’ ciallachadh “gaisgeach”; tha e fhathast ann an cànan Innis Tìle, a’ ciallachadh “gille” no “balach”. Chan eil fhios agam a bheil ceangal aig an fhacal seo agus ainm an locha, ach tha e inntinneach gu bheil seann stòiridh às an sgìre mu shìthiche a bha a’ fuireach anns a’ choille ri taobh an locha. B’ e ainm an t-sìthiche “An Gille Dubh”.
Cha robh aodach ceart aig a’ Ghille Dhubh. Chuireadh e duilleagan chraobhan agus còinneach uime. A rèir aithris a chaidh a sgrìobhadh anns an naoidheamh linn deug, chunnacas e grunn tursan anns an leth mu dheireadh dhen ochdamh linn deug. Chan urrainn dhomh a ràdh cò às a thàinig e ach bha athair, a rèir aithris, à Asainte.
Cha chanadh e guth ri duine, ach a-mhàin ri caileag òg air an robh Seònaid NicRath; bha ise a’ fuireach faisg air Locha Druing. Feasgar samhraidh a bha seo, bha i air chall anns a’ choille – feumaidh gun robh a’ choille na bu mhotha an uair sin na tha i a-nise. Thàinig an Gille Dubh dha h-ionnsaigh agus rinn e cobhair oirre. An ath mhadainn, thug e dhachaigh i slàn sàbhailte.
Shaoileadh tu le sin gum biodh muinntir an àite toilichte gun robh an Gille Dubh a’ fuireach faisg orra. Cha do rinn e cron air duine. Ach bha an t-eagal air feadhainn roimhe. Ràinig Seònaid ìre agus phòs i fear Iain MacCoinnich a bha na thuathanach faisg air Locha Druing. Cha do ghabh ise dragh mun Ghille Dhubh. Ach cha b’ ionann e do chuid de na h-uaislean. Thàinig còignear de dh’uaislean na sgìre còmhla airson an sìthiche a mharbhadh.
Chaidh iad uile gu ruige taigh Iain MhicCoinnich, an tuathanach, airson na h-oidhche. Thug Iain biadh mòr dhaibh. Chan eilear ag innse co-dhiù an robh Seònaid ann. Chuir na h-uaislean seachad an oidhche air leabannan fraoich ann an sabhal Iain MhicCoinnich. Ach nuair a dh’èirich iad airson a dhol tron choille, agus iad deiseil airson an Gille Dubh a mharbhadh, cha robh sgeul air an t-sìthiche.
Chan eil fhios a’m an robh e am falach no dìreach doirbh fhaicinn, agus e còmhdaichte le duilleagan is còinneach. Bu mhath leam smaoineachadh gun tug Seònaid rabhadh dha gun robh droch dhaoine air a thòir! Às dèidh sin, a rèir beul-aithris, dh’aontaich e falbh a dh’Asainte, dùthaich athar, agus cha do thill e gus an robh an t-uachdaran aig Locha Druing air a dhol fon fhòid.
Faclan na Litreach
Geàrrloch: Gairloch; clàraichte: recorded; An Uamhghaidh: Cove (Loch Ewe); Uilleam MacBhàtair: (Prof) William J Watson; gu cinnteach: certainly; Innis Tìle: Iceland; air chall: lost.
Abairtean na Litreach
air a chùlaibh: behind it; chan eil ciall an ainm soilleir: the meaning of the name is not clear; chan ann mar sin a chanas muinntir an àite e: that’s not how local people say it; ainm pearsanta no frìth-ainm: a personal name or nickname; cha robh aodach ceart aig a’ Ghille Dhubh: the Gille Dubh didn’t have proper clothing; chuireadh e duilleagan chraobhan agus còinneach uime: he would put leaves of trees and moss around him; chunnacas e grunn tursan anns an leth mu dheireadh dhen ochdamh linn deug: he was seen several times in the latter half of the eighteenth century; chan urrainn dhomh a ràdh cò às a thàinig e: I can’t say where he came from; bha athair, a rèir aithris, à Asainte: his father was reputedly from Assynt; cha chanadh e guth ri duine: he wouldn’t speak to anybody; ach a-mhàin ri caileag òg air an robh Seònaid NicRath: except for a young girl called Jessie MacRae; rinn e cobhair oirre: he assisted her; thug e dhachaigh i slàn sàbhailte: he took her home safe and sound; shaoileadh tu le sin: you’d think because of that; cha b’ ionann e do chuid de na h-uaislean: it wasn’t the same for some of the gentry; chan eilear ag innse co-dhiù an robh Seònaid ann: it’s not said if Jessie was there.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
gun robh droch dhaoine air a thòir: that bad people were in pursuit of him. An alternative to gun robh droch dhaoine an tòir air.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 7 Oct 201111:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 8 Oct 201110:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Oct 201114:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




