
Ratharsair
1/6 Aonghas Phàdraig Caimbeul agus Cailean MacIlleathain air chuairt tro Eilean Ratharsair. Angus Peter Campbell and Cailean Maclean walk across Raasay.
Chuala sinn cheana Aonghas Phàdraig Caimbeul agus Cailean MacIlleathain a' coiseachd tro Innse Gall agus tron Eilean Sgitheanach air Rèidio nan Gàidheal.
An turas seo tha iad a' gabhail cuairt beagan nas fharsaing, tro shia eileanan beaga far costa siar na h-Alba far an cluinn thu fhathast Gàidhlig dhùthchasach nan eileanan sin - Ratharsair, Eige, Liosmòr, Luinn, Colbhasa agus Giogha.
Tha mòran eachdraidh, beul-aithris, ceòl is òrain agus cuideachd gu leòr de dhuilgheadasan agus de leasachaidhean diofraichte anns na h-eileanan beaga seo, agus bheir Aonghas Phàdraig agus Cailean deagh iomradh orra sin fhad's a tha iad a' coiseachd tro na h-eileanan beaga seo a' coinneachadh ri muinntir an àite.
Last on
Broadcasts
- Thu 22 Sep 201113:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 22 Sep 201122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Sep 201109:30BBC Radio nan Gàidheal