
Gàidhlig Eilean Mhanainn
Sùil air dualchas agus cànan Eilean Mhanainn còmhla ri Iain MacIllechiar. Iain MacIllechiar explores the Manx culture and heritage, starting with a look at Manx Gaelic.
Eilean Mhanainn - eilean beag am meadhan a' Chuain Eireannaich. Tha e ainmeil airson cìsean ìosal, an TT Rally - agus seòrsa de chat annasach gun earball! Ach tha ceanglaichean làidir eachdraidheil aige ri Alba agus tha a' Ghàidhlig aca gu math faisg air a' chànan againn fhìn.
Aig toiseach an Iuchair 2011, ghabh Iain MacIllechiar cuairt dhan eilean airson beagan fhaighinn a-mach mu chànan agus a dhualchas - agus ged a chaochail an duine mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Mhanainneach bho ghlùin a mhàthar ann an 1974, mar a fhuair Iain a-mach, tha a' chuibhle a' dol mun cuairt, agus tha ath-bheothachadh a' tighinn. Anns a' chiad fhear de dhà phrògram, tha Iain a' toirt sùil air a' chànan agus a' coinneachadh ri cuid de na daoine a tha ga bruidhinn.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Clip
![]()
Eilean Mhanainn: Prògram 1
Duration: 30:46
Broadcasts
- Thu 1 Sep 201113:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 1 Sep 201122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Sep 201109:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Sep 201113:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Jun 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Jun 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Jun 201210:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 4 May 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
