
Episode 3
An-diugh tha Fionnlagh Macleòid anns a' Chnoc Àrd a' còmhradh ri muinntir a' bhaile. Finlay Macleod visits the village of Knockaird and drops in on some of the people there.
Ann a 2002 thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Robhanais agus Dail bho Dheas.
An-diugh tha Fionnlagh anns a' Chnoc Àrd ach an toiseach, mus ruig e sin, tha Loch Stiapabhat a' tarraing aire le bheartas eòin. Air a' rathad thachair e ri Peigi Màiri Nicleòid agus Mairead NicAmhlaigh nach robh e air fhaicinn o chionn greis. Tha e cuideachd a' cuimhneachadh air call na h-Iolaire agus an àite bh' aig Am Patch agus 'An Mhurdo anns an eachdraidh agus tha e a' cluinntinn bho Pheigi NicIlliosa a chaill a h-athair anns an tubaist. Gheibh sinn a-mach cuideachd mar a chaidh na daoine a chuir a-mach à Tobhta Gormaig ann am Port Nis.
A thilleadh air a sin seinnidh Màiri Nic a' Ghobhainn an t-òran Trì Fichead Bliadhna sa Trì agus aithrisidh Fionnlagh Òran Shùlaisgeir.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Mon 29 Aug 201122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 Aug 201113:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 Aug 201122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Sep 201110:03BBC Radio nan Gàidheal