
Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain 1/4
Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain a' còmhradh ri Annella Nicleòid mu bheatha thràth. John Alick MaPherson in conversation with Annella Macleod about his early life in Uist.
Bha Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain iomadh mìle bho àite bhreith is àraich anns na h-Eileanan an Iar sna bliadhnaichean mu dheireadh dha bheatha agus e fhèin agus a bhean, Helen a' fuireach gu dòigheil an cois Abhainn Mira ann am Marion Bridge, faisg air Sydney an Eilean Cheap Breatainn. Ach na inntinn, agus le teicneòlas, chan robh an t-astar idir cho fada.
Na bheatha-obrach shoirbheachail bha e na thidsear, na riochdaire rèidio agus telebhisean, na chonaltraiche corporra agus na Iar Cheannard air Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Ach os cionn a h-uile càil 's e Gàidheal a bh' ann. Mar a thuirt e san leabhar aige Steall à Iomadh Lòn, "Tha mi taingeil gur ann an coimhearsnachd Gàidhlig a chaidh m' altram, ach air mo dhorranachadh gu bheil i air crìonadh. Tha mi taingeil cuideachd gun d'fhuair mi iomadh cothrom, eadar dualchas, càirdeas, àrainneachd, foghlam, cosnadh is siubhal. Ach 's e na dh'ionnsaich mi aig a' ghlùin an cothrom bu phrìseile dhiubh uile."
B' e seanchaidh air leth a bh' ann agus anns an t-sreath phrògraman tha seo tha e ag innse mar a chuir e seachad a bheatha 's an iomadh lòn às na chuir e steall.
Chaochail Seonaidh Ailig air an 31mh den Lùnastal 2017 aig aois 79.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Broadcasts
- Tue 28 Jun 201113:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 28 Jun 201122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Jul 201110:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Jan 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Jan 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Jan 201810:00BBC Radio nan Gàidheal