
11/03/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 608
Duration: 05:00
Litir 608: Bàs an Daimh
Tha an dealbh iongantach Bàs an Daimh ann an Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann. ’S e dealbh mòr a th’ ann. Tha e trì puing a seachd (3.7) meatair ann an àirde agus còrr air còig puing a dhà (5.2) meatair ann an leud. Tha an dealbh, leis a’ pheantair Ameireaganach, Benjamin West, a’ sealltainn Cailean – no Colin – Fitzgerald a’ sàbhaladh beatha Rìgh Alasdair III bho dhamh fiadhaich. Ach cò bh’ ann an Cailean Fitzgerald?
Uill, bha e na shinnsear, a rèir beul-aithris, don fhear a dh’iarr an dealbh – agus a phàigh ochd ceud gini air a shon anns na h-ochdadan dhen ochdamh linn deug (1780an) – Francis Humberston MacCoinnich. Às dèidh bàs a bhràthar, ghabh e thairis ceannas Clann ’ic Coinnich. Agus, bliadhnaichean às dèidh gun do nochd an dealbh, bha tiotal air a bhuileachadh air – Mòrair Shìophort. Nuair a bha e na ghille aig Eton, aig aois dusan bliadhna, ghabh MacCoinnich fiabhras a dh’fhàg bodhar e. Cha robh a chainnt uabhasach soilleir air sgàth a bhoidhre.
Bhathar a’ creidsinn o shean gun robh dualchas làn-Cheilteach aig Clann ’ic Coinnich. Ach, anns an ochdamh linn deug, dh’fheuch àrd-urrachan na fine ri dearbhadh gun do dh’èirich iad à dualchas Anglo-Normanach-Èireannach. Dh’fhoillsich iad na bh’ aca ann am beul-aithris – gum b’ e tùsair na fine Cailean Fitzgerald, mac aig iarla Èireannach. B’ fheudar do Chailean Èirinn fhàgail. Bha sin anns an treas linn deug. Thug Rìgh na h-Alba comraich dha. B’ e an Rìgh sin Alasdair III.
A rèir choltais cha do dhìochuimhnich Cailean gun robh an Rìgh air cobhair a dhèanamh air. Tha cuid ag ràdh gun tug e taic don Rìgh an aghaidh nan Lochlannach, nuair a rinn na h-Albannaich a’ chùis orra. Air sàillibh sin, thug an Rìgh fearann dha ann an Cinn Tàile, a’ gabhail a-steach Eilean Donan, far a bheil an caisteal ainmeil. Tha feadhainn eile ag ràdh gun d’ fhuair e am fearann sin leis gun do shàbhail e beatha an Rìgh.
A rèir an stòiridh seo, bha Cailean a’ sealg cuide ris an Rìgh. Thug damh ionnsaigh air an Rìgh. Bha Alasdair ann an cunnart a bheatha. Thàinig Cailean eatarra. Chaidh e fhèin agus an damh an glaic a chèile agus mharbh Cailean an damh. Anns an dealbh Bàs an Daimh, chithear Cailean Fitzgerald le sleagh na làimh, gu bhith a’ cur an daimh gu bàs, fhad ’s a tha an Rìgh na laighe air an talamh.
Ach carson a bha e cho cudromach do Francis Humberston MacCoinnich a bhith a’ sealltainn an tachartais seo ann an dealbh cho mòr is cho cosgail? Uill, tha poilitigs a’ tighinn a-steach don ghnothach, agus ’s e sin as coireach gu bheil cuid ag ràdh nach eil anns an dealbh ach propaganda.
Suas gu deireadh an t-seachdamh linn deug, bha Clann ’ic Coinnich air a bhith dìleas do rìghrean na h-Alba. Chaidh an tiotal “Iarla Shìophort” a bhuileachadh – airson a’ chiad turais – air Cailean MacCoinnich ann an sia ceud deug, fichead ’s a trì (1623). Ach chaill na Stiùbhartaich a’ chathair rìoghail. Thaobhaich na ceathramh agus còigeamh iarlan ris na Seumasaich. Mar a chì sinn an-ath-sheachdain, ’s dòcha gur ann air sgàth a’ cho-dhùnaidh sin, aig a’ cheann thall, a chaidh Bàs an Daimh a pheantadh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
ann an leud: in width; a’ sàbhaladh beatha Rìgh Alasdair III bho dhamh fiadhaich: saving the life of King Alexander III from an angry stag; bha e na shinnsear: he was an ancestor; a phàigh ochd ceud gini air a shon: who paid 800 guineas for it; ghabh e thairis ceannas Clann ’ic Coinnich: he took over the leadership of the Clan MacKenzie; às dèidh gun do nochd an dealbh: after the picture appeared; bha tiotal air a bhuileachadh air – Mòrair Shìophort: he was granted a title – Lord Seaforth; fiabhras a dh’fhàg bodhar e: a fever that left him deaf; cha robh a chainnt uabhasach soilleir air sgàth a bhoidhre: his speech wasn’t very clear because of his deafness; bhathar a’ creidsinn o shean: it was believed in olden times; dualchas làn-Cheilteach: a pure Celtic heritage; dh’fheuch àrd-urrachan na fine ri dearbhadh: the clan leaders tried to prove; tùsair na fine: the progenitor of the clan; mac aig iarla Èireannach: a son of an Irish earl; cha do dhìochuimhnich Cailean: Colin didn’t forget; an aghaidh nan Lochlannach: against the Norse; nuair a rinn na h-Albannaich a’ chùis orra: when the Scots defeated them; an glaic a chèile: wrestling with each other; suas gu deireadh an t-seachdamh linn deug: up until the end of the 17th Century; dìleas do rìghrean na h-Alba: loyal to the kings of Scotland; chaidh X a bhuileachadh air; X was bestowed upon him; chaill na Stiùbhartaich a’ chathair rìoghail: the Stuarts lost the throne; thaobhaich na ceathramh agus còigeamh iarlan ris na Seumasaich: the fourth and fifth earls sided with the Jacobites; ’s dòcha gur ann air sgàth a’ cho-dhùnaidh sin: perhaps it’s because of that decision.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
’s e sin as coireach gu bheil cuid ag ràdh: that is why some people say.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 11 Mar 201111:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 12 Mar 201110:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




