
Calum MacFhearghais 1/3
Calum MacFhearghais ag innse mu òige anns an Rubha ann an Leòdhas aig àm a' chogaidh. The author Calum Ferguson recalls his youth in Lewis during the Second World War.
Rugadh Calum MacFhearghais ann a 1929 ann am baile Phort Mholair san Rubha a Leòdhas. 'S iomadh ceàird a th'aige air a làmhan - neach-teagaisg, craoladair agus sgrìobhadair nam measg - ach 's e an gibht as motha a th'aig Calum 's e comas sgeulachd innse, biodh i fìor neo breug!
A seo tha e a' cuimhneachadh air a bheatha thràth, ag èirigh suas ann an coimhearnsachd air a robh agus air a bheil e gu math gràdhach.
Bha a' Bheurla ùr dha a' dol dhan sgoil oir cha robh i cha mhòr ri cluinntinn sa sgìre, agus nuair a ràinig a Sgoil MhicNeacail bha aige ri fuireach ann a Steòrnabhagh tron t-seachdain agus bha an cianalas air dona. Cha robh an sgoil a' tighinn air idir.
Bha an Dàrna Cogadh a' toirt buaidh air a h-uile duine agus bha Calum, na bhalach òg, a' gabhail a h-uile càil a bha sin a-steach agus cuimhne aige chun a' là an-diugh air an dreach a thug e air Leòdhas eadar luchd na feachdan armaichte a bhith timcheall agus Sunderland flying boat a' spreadhadh os a chionn.
Last on
Credit
| Role | Contributor |
|---|---|
| Producer | Annella MacLeod |
Broadcasts
- Tue 22 Feb 201113:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 22 Feb 201122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Feb 201110:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Feb 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Feb 201522:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Feb 201509:30BBC Radio nan Gàidheal