
Na h-òrain aig Mairead NicIllEathain
Seumas Watson a' toirt thugainn taghadh de na h-òrain aig Mairead NicIllEathain. Jim Watson introduces a selection of songs sung by Margaret MacLean from Cape Breton.
Seo am prògram mu dheireadh san t-sreath far a robh Seumas Watson a' toirt thugainn taghadh de dh'òrain às a' chruinneachadh a rinn e fhèin na bliadhnaichean a bha e a' fuireach ann a Siorramachd Inbhir Nis an Eilean Cheap Breatainn. Chan eil na seinneadairean neo Seumas air sgeul an-diugh ach tha na guthan air an tasgadh do ghinealach eile. 'S e an t-seinn aig Mairead Nic IllEathain a th' aig Seumas dhuinn an-diugh. Bha Mairead a' fuireach ann am Baghasdail san eilean agus bha an taigh aice làn fearas-chuideachd agus òrain. Bha i ainmeil sa sgìre mar sheinneadair agus chlàr Seumas na h-òrain a chluinneas sibh an-diugh san taigh aice agus còmhaln de chàirdean a-staigh. Tha còrr air fichead bliadhna bho bhàsaich Mairead agus bha i mu cheud bliadhna dh'aois nauir a bhàsaich i.
Am measg na h-òrain a chluinneas sibh bhuaipe tha 'Dh'fhalbh mo Rùn, dh'fhàg e 'n Cala', 'An t-Oighr' Òg', 'Òran an t-Saighdeir' agus 'Tha mo Bhreacan Fliuch bhon Dìle'.
Last on
Broadcasts
- Wed 15 Dec 201013:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 15 Dec 201022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Dec 201010:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 23 Apr 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 23 Apr 201522:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Apr 201513:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 21 Jan 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 21 Jan 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Jan 201913:00BBC Radio nan Gàidheal