
29/10/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 589
Duration: 05:00
Litir 589: A’ Bhratach Shìth
An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mun Bhrataich Shìth – no Fairy Flag –ann an Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach. Bhathar ag ràdh – nuair a bhiodh i air a togail aig àm spàirne, gun tigeadh feachd mhòr shìthichean. Bhiodh na sìthichean a’ toirt taic do na daoine leis an robh a’ bhratach.
Ge-tà, bha cùmhnant an cois sin. Bhiodh e a’ tachairt dìreach trì tursan. Às dèidh sin, chan obraicheadh draoidheachd na brataich tuilleadh. No, nas miosa na sin, thachradh sgrios. Thuirt Coinneach Odhar, am fiosaiche, a rèir choltais, gum faigheadh an ceathramh Tormod – an ceann-cinnidh – bàs ann an tubaist; gun gabhadh Caimbeulach sealbh air na stacan air a bheil “Maighdeannan MhicLeòid”; gum biodh àl aig galla sionnaich ann an tùr ann an Caisteal Dhùn Bheagain; agus gum biodh a’ Bhratach Shìth air a toirt a-mach airson an treas turais. Nuair a thachradh a h-uile càil a bha sin, thuirt e, dh’fhalbhadh glòir nan Leòdach.
Ach cia mheud turas a thogadh a’ bhratach? Chan eil sin soilleir. Agus chan eil e soilleir – ged a bha i an làthair aig batail no dhà, an robh i air a toirt a-mach is air a sealltainn do na saighdearan. A rèir beul-aithris, bha i an cois nan Leòdach aig Blàr Bàgh na Fala ann am Muile timcheall na bliadhna ceithir cheud deug is ochdad (1480). Bha na Leòdaich a’ toirt taic do Eòin, Tighearna nan Eilean, ann an cogadh an aghaidh a mhic, Aonghas Òg. Feumaidh nach deach a’ bhratach a thogail air an latha sin oir chaill Eòin.
Cuin, ma-thà, le cinnt a chaidh a’ Bhratach Shìth a thoirt a-mach às a’ bhogsa sa bheil i, is a thogail air beulaibh dhaoine? ’S dòcha aig cathannan eadar na fineachan anns an Eilean Sgitheanach. Cathannan leithid ann an Gleann Sligeachan aig deireadh a’ cheathraimh linn deug, Gleann Dail anns a’ chòigeamh linn deug, no san Trùmpan no Bhatairnis anns an t-siathamh linn deug.
Anns an Trùmpan, chuir feachd de Dhòmhnallaich Chlann Raghnaill à Uibhist teine ri eaglais nuair a bha coitheanal Leòdach na broinn. Rinn iad sgrios agus chaidh mnathan is clann gu leòr a mharbhadh. Ach mus d’ fhuair muinntir Chlann Raghnaill air falbh, thàinig feachd Leòdach à Dùn Bheagain. Cha robh mòran dhiubh ann ach thug iad leotha a’ Bhratach Shìth. Sa mhionaid a chaidh a’ bhratach a thogail, bha coltas ann gun robh na ceudan ghaisgeach aig na Leòdaich. Rinn iad a’ chùis air na Dòmhnallaich. ’S e glè bheag de na Dòmhnallaich a rinn dol-às.
Tha cuid ag ràdh nach deach a’ Bhratach Shìth a thoirt a-mach ach dà thuras thuige seo. Ge-tà, tha aithris ann gun deach a toirt a-mach ann an dìomhaireachd airson treas turais ann an seachd ceud deug, naochad ’s a naoi (1799). Goirid às dèidh sin, fhuair an ceathramh Tormod ann an sreath a bha na cheann-cinnidh bàs aig muir; cheannaich Caimbeulach Maighdeannan MhicLeòid; rugadh àl do ghalla sionnaich a bha na peata do dh’fhear MacIlleathain a bha a’ fuireach ann an tùr ann an Caisteal Dhùn Bheagain; agus shearg mòran dhen chumhachd is glòir a bh’ aig Clann ’ic Leòid o shean. Ach thuirt Coinneach Odhar aon rud eile – gun tilleadh an glòir dhaibh nuair a dh’èireadh ceann-cinnidh ùr air an robh Iain Breac. ’S dòcha gu bheilear a’ feitheamh ris fhathast.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
rugadh àl do ghalla sionnaich: a vixen had a litter.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 29 Oct 201011:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 30 Oct 201010:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




