
Peadar MacIlleathain
Peadar MacIlleathainn à Cùl Eilean na Nollaige le seanchas 's òrain. Le Seumas Watson. Peter Maclean from Christmas Island, Cape Breton, sings local songs. With Jim Watson.
Chaochail Peadar Jack MacIlleathain, Peadar Jack Pheadair Chaluim Ghobha, à Cùl Eilean na Nollaige an Ceap Breatann air an 11mh den Fhaoilleach 2013. Thogadh e ann an dachaigh a bha aithnichte mar fhìor thaigh-cèilidh agus b' e seinneadair cliùiteach a bh' ann fhèin. B' e saor a bh' ann agus chuir e seachad fichead bliadhna ag obair ann a Boston. Fhads a bha e sin chaidh iarraidh air seinn còmhla ri Seinneadairean a' Chladaich a Tuath aig Fèis Dùthchasach Newport Rhode Island agus aig Fèis Dùthchasach a Smithsonian. Nuair a thill e fhèin agus a' bhean, Mairead, gu Eilean na Nollaige sna seachdadan chaidh e sheinn comhla ri Seinneadairean Gàidhlig Shanndraidh. Bha Peadar aoigheil dha-rìreabh ris an iomadh duine a thadhladh air agus fialaidh ann a bhith a' toirt seachad na h-òrain a bh'aige don ath ghinealach de sheinneadairean. Bha meas mòr aig leithid Màiri Sìne NicLaomainn air, mar a dh'innis i agus i a' cuimhneachadh air aig cuirm aig Celtic Connections an Glaschu ann a 2013, agus tha ionndrainn mhòr air. Duine àrd, eireachdail, ciùin a bha na thlachd a bhith na chuideachd.
Chlàr Annella Nicleòid am prògram seo, as t-samhradh 2010, còmhla ri Seumas Watson agus Peadar Jack, na dhachaigh ann an Cùl Eilean na Nollaige.
Last on
Broadcasts
- Tue 19 Oct 201013:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 19 Oct 201022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Oct 201010:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Mar 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Mar 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Mar 201309:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 4 Feb 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 4 Feb 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Feb 201913:00BBC Radio nan Gàidheal