
14/05/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 565
Duration: 04:57
Litir 565: Bàs Chiuinlaoich
Bu mhath leam uirsgeul sònraichte innse dhuibh an t-seachdain seo. Tha e mu dheidhinn treun-laoch Gàidhealach air an robh Conlaoch mar ainm. ’S e Albannach a bh’ ann. Gaisgeach eireachdail treun le buinteanas don Eilean Sgitheanach.
’S e ainm an uirsgeil Bàs Chiuinlaoich no, ann am Beurla, The Death of Conlaoch. Tha e air innse an dà chuid ann an Alba agus Èirinn. Tha mi a’ dol a stèidheachadh mo sgeòil-sa air na chaidh a chruinneachadh à beul-aithris ann an Alba.
Nuair a bha e na dhuine òg, dh’fhàg Cù Chulainn a dhachaigh ann an Ulaidh. Thàinig e a dh’Alba, don Eilean Sgitheanach, far an do dh’ionnsaich e sgilean sabaid aig a’ bhanrigh ghaisgeil, Sgàthach. Bha ise a’ fuireach ann an Caisteal Dhùn Sgàthaich ann an Slèite. Chithear an tobhta dhen chaisteal aice fhathast.
’S e treun-laoch a bh’ ann an Cù Chulainn. Dh’ionnsaich e bho Sgàthach mar a chleachdadh e an gath-bolg no fiery dart. ’S e ball-airm iongantach marbhtach a bh’ anns a’ ghath-bholg. A bharrachd air a bhith na ghaisgeach le buill-airm, bha Cù Chulainn tarraingeach do na boireannaich. Fhuair e dlùth ri bana-ghaisgeach Albannach air an robh Aoife agus dh’fhàg e trom i. Ach thill e a dh’Èirinn.
Mus do dh’fhalbh e, gheall e do dh’Aoife gun tilleadh e uaireigin agus gum pòsadh e i. Ach cha do thill. B’ fheudar do dh’Aoife an gille aca a thogail leatha fhèin. Chuir i “Conlaoch” air a’ ghille mar ainm.
Fhuair an gille trèanadh bho a mhàthair a mhair seachd bliadhna ann an Dùn Tuilm ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Agus mar a thachair do Chù Chulainn roimhe, chuir e seachad ùine ann an Dùn Sgàthaich ann an Slèite. B’ e sin an t-àite a b’ ainmeile far an ionnsaicheadh treun-laoich òga na sgilean a bhiodh a dhìth orra air blàr a’ chatha.
Rinn Aoife cinnteach gum biodh a h-uile lùth-chleas aig Conlaoch ’s a bh’ aig Cù Chulainn. Ach dh’fhàg i aon rud a-mach a dh’aona-ghnothach. Cha do dh’ionnsaich Conlaoch mar a chleachdadh e an gath-bolg. Rinn Aoife sin oir bha i ag iarraidh Cù Chulainn a pheanasachadh airson a bhith a’ dèanamh mealladh-dòchais oirre.
Dh’iarr i air Conlaoch dhol a dh’Èirinn, gun a bhith ag innse do dhuine sam bith cò e. Thuirt i gun robh i ag iarraidh gun toireadh e Cù Chulainn a dh’Alba leis. Bha fios aice gum marbhadh Cù Chulainn a mhac leis a’ ghath-bholg, agus gun cuireadh sin troimhe-chèile e. B’ e sin an dìoghaltas aice.
Ràinig Conlaoch Èirinn. Thachair e ri Conall, oide Chù Chulainn. Thug e a bhuill-airm bho Chonall agus chuibhrich e e. Chuala Cù Chulainn mu dheidhinn agus thàinig e.
Dh’fhaighnich e de Chonlaoch cò e. Dhiùlt Conlaoch innse. Thòisich an dithis air sabaid. Ach rinn Cù Chulainn a’ chùis air Conlaoch leis a’ ghath-bholg. Nuair a bha e a’ bàsachadh, dh’inns Conlaoch ainm do Chù Chulainn. Bha fios aig Cù Chulainn gun robh e air a mhac fhèin a mharbhadh agus, gu dearbh, bha e troimhe-chèile.
Faclan na Litreach
uirsgeul: fable, legend; treun-laoch: strong hero; Bàs Chiuinlaoich: The Death of Conlaoch; Ulaidh: Ulster; a’ bhanrigh ghaisgeil: the heroic queen; Caisteal Dhùn Sgàthaich: Dunscaith Castle; tarraingeach: attractive; lùth-chleas: physical skill; oide: foster-father.
Abairtean na Litreach
gaisgeach eireachdail treun le buinteanas don Eilean Sgitheanach: a brave, handsome champion who belonged to the Isle of Skye; an dà chuid: both; tha mi a’ dol a stèidheachadh mo sgeòil-sa: I am going to base my story; na chaidh a chruinneachadh à beul-aithris: what was collected from oral tradition; chithear an tobhta: the ruin can be seen; mar a chleachdadh e an gath-bolg: how he would use the fiery dart; ball-airm iongantach marbhtach: an amazing deadly weapon; dh’fhàg e trom i: he left her pregnant; gheall e do dh’Aoife gun tilleadh e uaireigin: he promised to Aoife that he would return some time; gum pòsadh e i: that he would marry her; b’ fheudar do dh’Aoife an gille aca a thogail leatha fhèin: Aoife had to raise their son himself; na sgilean a bhiodh a dhìth orra air blàr a’ chatha: the skills they would need on the battlefield; dh’fhàg i aon rud a-mach a dh’aona-ghnothach: she omitted one thing deliberately; bha i ag iarraidh Cù Chulainn a pheanasachadh: she wanted to punish Cuchullin; gun cuireadh sin troimhe-chèile e: that that would cause him great mental turmoil; chuibhrich e e: he bound him (in chains); dhiùlt Conlaoch innse: Conlaoch refused to say; gun robh e air a mhac fhèin a mharbhadh: that he had killed his own son.
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
airson a bhith a’ dèanamh mealladh-dòchais oirre: for deceiving her.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 14 May 201011:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 15 May 201010:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




