
Eapasod 2
Cathy Laing ag innse mun teaghlach luchd-siubhail aice a' dol mu chuairt Uibhist sna 50an. Cathy Laing describes her early life as part of a travelling family in Uist in the 1950s.
'S iomadh prògram agus sreath phrògraman a riochdaich agus a lìbhrig Dòmhnall Camhsron sna bliadhnaichean mòra a bha e ag obair aig roinn na Gàidhlig sa BhBC 's aig Radio nan Gaidheal ann an Glaschu ach cha robh càil a b' fheàrr leis na faighinn a-mach am measg dhaoine agus gu h-àraid air a' bhlàr a-muigh na choimhearnsachd fhèin an Uibhist a Tuath. Mar chuimhneachan air Dòmhnall, a chaochail sa Lùnastal, tha sinn a' toirt cothrom eile dhuibh èisteachd ris an t-sreath sa a rinn e ann an 2010 nuair a chaidh e cuairt còmhla ri Cathy Laing dha na h-àitichean a tha sònraichte dhi fhèin agus dhan teaghlach aice ann an Uibhist a Tuath.
'S ann de theaghlach luchd-siubhail a tha Cathy, le freumhan ann a Siorrachd Pheairt agus san Apainn. San darna prògram cluinnidh sinn mu gheamannan a bha i a' cluich na h-òige, mu sgeulachdan air cumhachdan, air buisneachd 's air bruadaran agus gheibh sinn blas cuideachd de Bheurla Reagaird a bha cumanta aca.
Last on
Broadcasts
- Mon 26 Apr 201013:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 26 Apr 201022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 2 May 201013:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 9 Oct 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 11 Oct 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 15 Oct 202310:00BBC Radio nan Gàidheal