
12/03/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 556
Duration: 04:45
Litir 556 - Càrn na Cuimhne
Bha mi a’ coimhead an latha eile air mapa eileagtronaigeach de dh’Alba air làrach-lìn Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chaidh am mapa a dhèanamh eadar seachd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1747) agus seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755) le Uilleam Roy.
Thogadh Roy ann an Siorrachd Lannraig. Bha e anns an arm Hanobhèirianach aig àm Ar-a-mach nan Seumasach. Nuair a bha an t-ar-a-mach seachad, chuir ceannardan an riaghaltais romhpa cairt-dùthcha math a bhith aca de dh’Alba. B’ e sin a’ chiad mhapa a bha stèidhichte air na prionnsabalan tomhais-fearainn as aithne dhuinn an-diugh. Cha robh loidhnichean coàirde air ach bha rudan anns na h-àiteachan ceart, gu h-àraidh na bailtean.
Bha ùidh mhòr aig Roy ann an gnothaichean cogaidh. Rinn e tòrr rannsachaidh air na seann champaichean Ròmanach ann an ceann a deas na h-Alba. Mar sin, bha mi airson faighinn a-mach an robh àite clàraichte aige ann am Bràigh Mhàrr. ’S e an t-àite Càrn na Cuimhne. Ann am Beurla uaireannan ’s e Carnaqueen a chanas daoine, no The Cairn of Remembrance. Tha e ri taobh Uisge Dè ann an seann Ghàidhealtachd Siorrachd Obar Dheathain.
Bha mi air gu leòr a chluinntinn mu Chàrn na Cuimhne oir tha e rudeigin ainmeil ann am beul-aithris. Ach, o chionn ghoirid, fhuair mi an cothrom a dhol a choimhead air. Feumaidh tu coiseachd pìos mòr ri taobh na h-aibhne mus ruig thu an càrn.
A rèir beul-aithris, mus rachadh Clann ’ic Fhearchair gu cath, bhiodh fir na fine a’ coinneachadh aig a’ chàrn. Bhiodh a h-uile duine a bha a’ dol a shabaid a’ togail clach às an abhainn. Chuireadh e a chlach air a’ chàrn. Nuair a thigeadh na saighdearan dhachaigh an dèidh a’ chatha, bhiodh iad a’ togail clach bhon chàrn is a tilleadh don abhainn. Bhiodh fios an uair sin cia mheud duine a chaidh a mharbhadh. B’ e sin àireamh nan clach a bh’ air fhàgail air a’ chàrn.
Chan eil fhios dè cho sean ’s a bha an cleachdadh. Tha cuid dhen bheachd gun do thòisich e o chionn fhad an t-saoghail is gur e muinntir na sgìre air fad a bha an sàs ann is chan e Clann ’ic Fhearchair a-mhàin. Agus cuin a thàinig e gu ceann? Uill, tha cuid ag ràdh gur ann ri linn Mhontròis a sguir e. Bha sin ceud bliadhna mus robh Uilleam Roy a’ clàradh Alba. Chan eil fhios a’m le cinnt a bheil sin fìor gus nach eil.
Gu mì-fhortanach, chan eil Càrn na Cuimhne air mapa Roy. Tha rudan eile faisg air làimh air a’ mhapa, agus tha cuid dhiubh dìreach mar a tha iad an-diugh – mar eisimpleir
Ballachlaggan (no Bail’ a Chlaiginn) agus Tullochcoy (no Tulach Gaoithe). Ach chan eil sgeul air Càrn na Cuimhne.
Ach an e “Càrn na Cuimhne” a bu chòir a bhith air? Anns an leabhar aca, The Place Names of Upper Deeside, tha Adhamh MacBhàtair agus Ealasaid NicAilein ag ràdh gur e Càrn na Coinneimh a bh’ air bho thùs oir ’s ann aig a’ chàrn a bhiodh na saighdearan a’ coinneachadh aig àm catha. Mus rachadh iad a shabaid bhiodh iad ag èigheachd ainm a’ chùirn. Ge-tà, a rèir aithris, ’s e “Càrn na Cuimhne!” a dh’èigheadh iad seach “Càrn na Coinneimh!” Nach biodh e math a dhol air ais ann an eachdraidh is èisteachd ris na chanadh na daoine ann an dha-rìribh?
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 12 Mar 201011:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 13 Mar 201010:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




