
Aig a dhachaigh, Down House ann an Kent
A dhachaigh ann an Kent, Down House. Le Fionnlagh Macleòid. Charles Darwin's House in Down, Kent. With Finlay Macleod.
Ann an 2009 bha Fionnlagh Macleòid a' comharrachadh gu robh 200 bliadhna bho rugadh Charles Darwin - eòlaiche air nàdair, clachan agus air bith-eòlas, a thug dhuinn a bheachd-smuain air mean-fhàs, evolution, san leabhar iomraiteach aige, On The Origin of Species, a thug e a-mach ann an 1859. Dh'atharraich Darwin mar a tha sinn a' tuigsinn an t-saoghail ann an dòigh a bha cha mhòr gu tur ùr na là. Anns an t-sreath seo tha Fionnlagh, a tha air beatha Darwin a rannsachadh, a' toirt thugainn dealbh mionaideach air an duine 's air obair.
B' ann am baile beag Down ann an Kent a bha Darwin a' fuireach agus tha Fionnlagh a' coinneachadh ri Dòmhnall Ailih MacIllFhinnein aig Down House agus a' dol timcheall gach rùm a tha ag innse uimhir mun duine, mu obair agus mun teaghlach a bha cho prìseil dha.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 30 Nov 200911:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 30 Nov 200922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Dec 200913:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 7 Sep 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 7 Sep 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Sep 202013:00BBC Radio nan Gàidheal