
Na Twelve Apostles, teanas agus tràighean
Maureen Nicleòid air a cuairt a' faicinn koalas, na Twelve Apostles 's a' cluich teanas. Maureen Macleod sees koalas, the Twelve Apostles and plays tennis on her trip to Australia
Ann a 2008 thog Maureen Nicleòid, à Dail bho Dheas ann a Nis a Leòdhas, oirre air turas timcheall an t-saoghail agus am measg a h-uile càil a thug i leatha bha inneal-clàraidh agus leis a sin thug i dhuinn cothrom a dhol còmhla rithe nar h-inntinn. An-diugh tha sinn dha coinneachadh ann an Astràilia, ann am baile Anglesea air a Great Ocean Road.
Tha i an uair sin a' cumail oirre a Lorne agus tha i toilicht' dha-rìreabh koala na dhà fhaicinn. Às dèidh sin tha i a' stad airson sùil cheart fhaighinn air na Twelve Apostles agus innsidh i dhuinn an ceangal a bh' aig Albannach, Ùisdean Gibson riutha. Cluinnidh sinn cuideachd sgeulachd soitheach air a robh An Casino agus eachdraidh a' Loch Ard Gorge.
A thilleadh air a sin, gheibh sinn a-mach ciamar a chaidh dhi aig sgoil teanas faisg air Brisbane dhan deach i airson ceala-deug.
'S mu dheireadh tha i a' stad ann a Sydney airson a dhol chun na tràghad ann am Manly.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 2 Mar 200911:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 2 Mar 200922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 21 Apr 202009:30BBC Radio nan Gàidheal