
09/01/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 497
Duration: 05:18
Litir 497: Balla Antonine
Tha sinn a’ leantainn slighe Balla Antonine tro mheadhan na h-Alba on cheann an iar don cheann an ear. Tha sinn a’ tadhal air na dùin a thog na Ròmanaich. An t-seachdain sa chaidh thug sinn sùil air a’ chiad dhà – Dùn Chill Phàdraig agus Dùn Tòchair – agus iad le chèile a’ giùlain ainmean Gàidhlig. ’S e an treas dùn Cleddans Fortlet. Chan eil coltas Gàidhlig air sin, a bheil?
Uill, tha cuid dhen bheachd gur e dha-rìribh ainm Gàidhlig a th’ ann, ’s gu bheil e a’ tighinn bhon fhacal cladhan. A rèir Faclair Dwelly tha cladhan a’ ciallachadh “channel, very shallow stream”. Sgrìobh Uilleam MacBhàtair gun robh e a’ ciallachadh “little ditch” agus gur e Claddens leis an “s” an riochd iolra ann am Beurla.
Gu sear air Claddens tha Castlehill Fort – is tha an t-ainm sin soilleir gu leòr – agus mìle gu leth nas fhaide sear air sin tha Bearsden Fort. Chan eil càil ri fhaicinn dheth an-diugh ach an taigh-ionnlaid, a tha eadar flataichean àrda anns a’ bhaile.
Tha an t-ainm Bearsden annasach. Ann an Gàidhlig ’s e Cill Phàdraig Ùr a th’ air an sgìre eaglais. Agus ’s e New Kirk a bh’ oirre ann am Beurla. Ach nuair a thogadh rathad-iarainn agus stèisean ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a trì (1863), chaidh ainmeachadh mar Bearsden Station. Tha cuid dhen bheachd gun robh sin an dèidh taigh faisg air an stèisean.
Ma leanas sinn oirnn air Balla Antonine, ruigidh sinn Balmuildy Fort a tha ri taobh Abhainn Chealbhainn. Bha an daingneach sin gu math mòr, agus air a dhèanamh de chloich, seach sgrathan. Bha e a’ còmhdachadh ceithir acaire de dh’fhearann. Nise, chanainn gur e Balmuildy ainm Gàidhlig ach chan eil mi cinnteach dè is ciall dha.
’S e an ath dhùn – Cadder Fort. ’S ann à canan nam Breatannach – seann Chuimris – a thàinig Cadder. Tha e a’ ciallachadh “dùn”. Às dèidh sin, Kirkintilloch no Cathair Cheann Tulaich. Tha an t-ainm sin a’ tighinn bho fhreumh Breatannach – Caerpentaloch – “fort at the end of the hill”. Tha a’ Ghàidhlig gu math coltach ri sin agus tha e a’ ciallachadh an aon rud.
Gu sear air sin tha Auchendavy Fort. Tha sin a’ coimhead coltach ri ainm achaidh ann an Gàidhlig. Fhuair sinn ainm fear de na saighdearan a bha stèidhichte anns an dùn sin. B’ esan Marcus Cocceius Firmus, centurion a bhuineadh don Dàrna Legion. Chuir esan air dòigh ceithir altraichean ann, co-cheangailte ri deich diathan pàganach. Thathar a’ dèanamh dheth gun do rugadh Marcus ann an taobh sear na h-Ìompaireachd, timcheall ceann shìos Abhainn Danube. Mus deach e a Bhreatainn, bha e anns an Ròimh far an robh e na bhall de dh’fheachd-dìon phearsanta an Ìompaire fhèin.
’S iad an ath dhà dhaingneach air a’ bhalla Bar Hill Fort agus Croy Hill Fort. Is iongantach mura h-eil Bar ann am Bar Hill a’ tighinn bhon Ghàidhlig bàrr – “the uppermost part”, is gun deach a’ Bheurla hill a chur ris às dèidh làimh. Chithear tobhtaichean an dùin an sin fhathast – agus seann tobar Ròmanach.
Thathar a’ dèanamh dheth gu bheil Croy a’ tighinn bhon Ghàidhlig cruaidh, agus dh’fhaodadh sin a bhith, ceart gu leòr. ’S e seo an aon phìos de Bhalla Antonine far nach robh dìg air a chladhach làimh ris a’ bhalla. ’S e a bu choireach ri sin gun robh a’ chreag – basalt is dolerite – dìreach ro chruaidh. Nach eil an t-ainm ag innse sin dhuinn?
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 9 Jan 200911:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




