Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Fri 19 Dec 200811:55

Clip

Litir 494: Litir a nochdas anns a’ Bhìoball

Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach an t-seachdain seo le litir. Tè a tha mòran nas ainmeile na Litir do Luchd-ionnsachaidh, feumaidh mi aideachadh. Litir a nochdas anns a’ Bhìoball. Seo pàirt dhith.

“Ach tha mi a’ toirt fios dhuibh, a bhràithrean, an soisgeul a shearmonaicheadh leamsa, nach ann a rèir duine a tha e. Oir cha b’ ann o dhuine a fhuair mi e, ni mò a theagaisgeadh dhomh e, ach tre fhoillseachadh Iosa Criosd.”

A bheil sibh eòlach air an Litir sin? ’S e sin dà earrainn a-mach à Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach. Tha e anns an Tiomnadh Nuadh. Seo earrann eile bhon Litir – Caibideil a Trì, Earrann a h-Aon. Tha e a’ sealltainn nach robh Pòl agus na Galatianaich a’ tarraing buileach air an aon ràmh, co-dhiù nuair a sgrìobh Pòl an litir thuca:

“O a Ghalatianacha amaideach, cò a chuir druidheachd oirbh, ionnas nach bitheadh sibh umhail don fhìrinn, d’ an robh Criosd air a nochdadh gu soilleir fa chomhair bhur sùl, air a cheusadh nur measg?”

Bha Pòl air a bhith ann an Galatia roimhe, a’ searmonachadh. Tha e ag ràdh ann an Leabhar Ghnìomharan nan Abstol gun deach e “tro thìr Galatia uile ... a’ neartachadh nan deisciobal uile.” Agus tha e ag ràdh anns an Litir aige – anns a’ cheathramh is còigeamh Earrann deug dhen cheathramh Chaibideil – gun d’ fhuair e fàilte chridheil chridheil bho mhuinntir an àite aig an àm ud. “Tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh,” tha e a’ sgrìobhadh, “nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a-mach bhur sùilean fhèin agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad.”

Ach, anns an eadar-ama, tha cùisean air a dhol an aghaidh teachdaireachd Phòil agus an aghaidh an iompachaidh a rinn e, a rèir na sgrìobhas e. Anns an Litir aige, tha e ag iarraidh air na Galatianaich tilleadh don teagasg aige fhèin.

Bhiodh e inntinneach faighinn a-mach, nuair a bha Pòl ann an Galatia, dè an cànan a bha e a’ bruidhinn ris an t-sluagh. Bha Galatia ann am meadhan na dùthcha ris an canadh na Ròmanaich Asia Minor. Ghabh Pòl sgrìob mhòr tron dùthaich sin. An-diugh, tha sinn nas eòlaiche air Asia Minor mar Anatolia – ’s e sin a’ chuid mhòr dhen Tuirc. B’ e prìomh bhaile nan Galatianach àite ris an canadh iad Ancyra. ’S e sin far a bheil prìomh bhaile na Tuirc an-diugh – baile mòr air a bheil Ankara.

Carson a tha mi a’ togail ceist mun chànain a bh’ aig na Galatianaich? Tha, a chionn ’s gur e Ceiltich a bh’ annta. Tha an Gal- aig toiseach an ainm ag innse sin. Bha iad càirdeach do na Gàidheil, is do mhuinntir Ghaul is muinntir Ghalicia – is bha barrachd na aon Ghalicia ann.

’S dòcha gur iad na Galatianaich na Ceiltich a b’ fhaide sear a chaidh a chlàradh ann an eachdraidh. Gu deimhinne, bha iad càirdeach dhuinn fhèin, fad às. Agus tha e a’ coimhead gu math coltach gun robh iad fhathast a’ bruidhinn cànan Ceilteach nuair a bha an t-Abstol Pòl nam measg. Chaidh aithris anns a’ cheathramh linn AC gun robh cànan aca fhathast a bha co-ionann ris a’ chànan aig treubh eile a bha a’ fuireach ann am meadhan na Roinn Eòrpa – taobh Abhainn Rhine.

Ach ciamar a dh’èirich suidheachadh far an robh Ceiltich a’ fuireach ann an Asia Minor? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Am Bìoball: The Bible; An Tiomnadh Nuadh: The New Testament; Caibideil: Chapter; Earrann: Verse; gu deimhinne: certainly; treubh: tribe.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: tè a tha mòran nas ainmeile na: one [fem] that is much better known than; feumaidh mi aideachadh: I must admit; tha mi a’ toirt fios dhuibh, a bhràithrean: I tell you, brothers; an soisgeul a shearmonaicheadh leamsa: the gospel preached by me; nach ann a rèir duine a tha e: it is not according to [made by] man; ni mò a theagaisgeadh dhomh e: neither was I taught it; tre fhoillseachadh Iosa Criosd: by the revelation of Jesus Christ; Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach: The Letter of the Apostle Paul to the Galatians; a’ tarraing buileach air an aon ràmh: altogether in agreement [pulling on the same oar]; cò a chuir druidheachd oirbh?: who bewitched you?; ionnas nach bitheadh sibh umhail don fhìrinn: so that you’d not be obedient to the truth ; air a cheusadh nur measg: crucified among you; Leabhar Ghnìomharan nan Abstol: The Book of the Acts of the Apostles; a’ neartachadh nan deisciobal uile: strengthening all the disciples; nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a-mach bhur sùilean fhèin: if it had been possible, that you’d have plucked out your own eyes; agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad: and you’d have given them to me; anns an eadar-ama: meantime; aghaidh an iompachaidh a rinn e: against the conversion[s] he made; ghabh Pòl sgrìob mhòr: Paul made a big journey; a’ chuid mhòr dhen Tuirc: the major part of Turkey; na Ceiltich a b’ fhaide sear a chaidh a chlàradh: the most easterly Celts [ever] recorded; anns a’ cheathramh linn AC: in the 4th Century AD.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: a Ghalatianacha amaideach: O foolish Galatians. Paul is here addressing the Galatians and the Gaelic word Galatianach [“Galatian”] is therefore in its vocative plural form (not something you come across often in everyday speech). I dealt a little with the vocative plural in Litir 197 in March 2003. Note how it is formed in this instance. A similar example would be “a bhodacha” [or “a bhodachaibh”] used in addressing a group of old men. The Bible is a very good resource for any student of Gaelic who wants to access the language in a high-register which follows traditional grammatical modes.

Gnathas-cainnt na Litreach

Gnathas-cainnt na Litreach: fa chomhair bhur sùl: before your eyes. Sùl is the genitive plural of sùil [following the compound preposition fa chomhair].

Broadcast

  • Fri 19 Dec 200811:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast