
01/08/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 474
Duration: 05:17
Litir 474: Eilean Hòdhaigh
Ann an ceann a tuath Eilean Hòdhaigh ann an Arcaibh tha àite air a bheil Glens of Kinnaird. Tha an t-ainm sin a’ coimhead rudeigin Gàidhealach, nach eil? Ach a bheil e? Chan urrainn dhomh a bhith cinnteach. Thug an sgoilear Ùisdean Marwick sùil air a’ chùis tràth san fhicheadamh linn agus cha b’ urrainn dhàsan a bhith cinnteach nas motha. Ann an grunn àiteachan ann an Arcaibh, lorgar glen no glens, agus loch – is eadhon lochan. Ach ’s dòcha gur e as coireach nach eil na h-ainmean sin uabhasach sean, no gun deach na faclan fhèin a-null mar fhaclan-iasaid don Bheurla Arcaich.
Thug Marwick sùil air ainmean-àite ann an Arcaibh a dh’fhaodadh a bhith Ceilteach – bho chànan nan Cruithneach a bha a’ fuireach ann ro na Lochlannaich – no eadhon bhon Ghàidhlig. Tha cuid dhen bheachd gun robh Gàidhlig aig na manaich a lorg na Lochlannaich ann – tha ainmean mar Papa Westray, Papa Stronsay is Papdale a’ comharrachadh nam manach sin.
Bha Marwick dhen bheachd gu robh bailtean-fearainn air a bheil Airy a’ faighinn an ainmean bhon fhacal Gàidhlig àirigh – a shieling. Tha fios againn gun deach am facal sin a-null do chànan nan Lochlannach ann an Alba. Tha àiteachan air a’ Ghàidhealtachd air a bheil ainmean Lochlannach, le a-r-y –ary aig an deireadh. ’S e sin a’ Ghàidhlig àirigh – ach ann an Lochlannais. ’S e Kernsary ann an Ros an Iar eisimpleir dhiubh.
Chan urrainn dhomh mìneachadh carson a ghabh na Lochlannaich grèim air an fhacal Ghàidhlig sin oir bha facal acasan a bha a’ ciallachadh an aon rud – setr ann an seann Lochlannais. Tha ainmean-àite ann an Leòdhas a’ tighinn bho setr – leithid Siadair, Ungasiadair is Cairisiadair. Ach bha am facal a thàinig bhon Ghàidhlig air a chleachdadh ann an Lochlannais anns an t-seann làmh-sgrìobhainn mu Arcaibh – an Orkneyinga Saga.
’S e facal eile a nochdas ann an ainmean Arcach a dh’fhaodadh a bhith bhon Ghàidhlig – bràighe. Tha e càirdeach don fhacal brae ann an Albais ach tha e a’ nochdadh ann an co-dhiù dà ainm Arcach ann an riochd car Gàidhealach – Braemore faisg air Stenness air Tìr-mòr Arcaibh, agus ann am Faraclett ann an Rousay far a bheil leathad air a bheil Brae-an-finyan. A-rithist, chan urrainn dhomh a ràdh dè cho sean ’s a tha fear seach fear de na h-ainmean sin.
Ann an Eilean Shanndaigh – no Sanday – tha àite ann air a bheil the Kirk and Kill o’ Howe – dà chnoc le ceud meatair eatarra. Bha Ùisdean Marwick dhen bheachd gum b’ e an Kill – ceall no cille ann an Gàidhlig, is gun robh seann eaglais ann ri linn nan Ceilteach.
An uair sin thàinig na Lochlannaich agus thog iad kirk no eaglais aca fhèin pìos beag air falbh bhon t-seann eaglais Cheiltich.
Tha feadhainn cuideachd dhen bheachd gu bheil egil anns an ainm Egilsay – eilean eile ann an Arcaibh – a’ tighinn bho eaglais. Agus gu bheil Kili Holm, eilean beag dìreach gu tuath air Egilsay, a’ ciallachadh eilean na cille – le Kili a’ tighinn bhon Ghàidhlig.
Chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt cia mheud facal Gàidhlig, no Cruithneach, a tha beò an-diugh ann an ainmean-àite Arcaibh. Glè bheag, chanainn. Tha a’ mhòr-chuid de na h-ainmean Lochlannach, ged a chaidh an atharrachadh gu dreach ùr stèidhichte air a’ Bheurla Arcaich. Ach tha iad gu math inntinneach, agus tha iad mar phàirt de dhìleab làidir nan Lochlannach anns na h-Eileanan mu Thuath.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tràth san fhicheadamh linn: early in the 20th Century; cha b’ urrainn dhàsan a bhith cinnteach nas motha: he couldn’t be certain either; lorgar X: X is found; ’s dòcha gur e as coireach nach eil na h-ainmean sin uabhasach sean: perhaps the reason is that those names are not terribly old; mar fhaclan-iasaid don Bheurla Arcaich: as loanwords into the Orkney dialect; bho chànan nan Cruithneach: from the language of the Picts; a’ comharrachadh nam manach: commemorating the monks; aig an deireadh: at the end; ’s e X ann an Ros an Iar eisimpleir dhiubh: X in Wester Ross is an example of them; a bha a’ ciallachadh an aon rud: which meant the same thing; càirdeach do X ann an Albais: related to X in Scots; co-dhiù dà ainm Arcach ann an riochd car Gàidhealach: at least two Orkney names in a rather Gaelic form; dà chnoc le ceud meatair eatarra: two hills a hundred metres apart; ri linn nan Ceilteach: at the time of the Celts; dìreach gu tuath air X: just to the north of X; chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt: I can’t say for certain; chaidh an atharrachadh gu dreach ùr stèidhichte air a’ Bheurla Arcaich: they became changed to a new form based on the Orkney dialect; dìleab làidir nan Lochlannach anns na h-Eileanan mu Thuath: the strong legacy of the Norse in the Northern Isles.
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 1 Aug 200811:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




