
25/07/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 473
Duration: 05:37
Litir 473: Ainmean-àite
Nuair a tha mi ann an Nirribhidh gach bliadhna, a’ sgitheadh, bidh mi gu tric a’ dol seachad air àiteachan le ainmean a tha a’ cur nam chuimhne ainmean-àite ann an Alba. Am-bliadhna chaidh mi gu Grønebakken. Tha fhios gu bheil sin a’ ciallachadh “bruthach ghorm” no “bruthach ghlas” – oir chì sinn bakken ann an àiteachan mar “Am Bac” ann an Leòdhas. Agus faisg air Calanais ann an Leòdhas tha Beinn Ghrèineabhal. Thàinig Grèineabhal bhon Lochlannais Grønefjall, a’ ciallachadh “beinn ghorm”.
Tha e spòrsail a bhith a’ toirt sùil air na tha anns a’ chumantas eadar na h-ainmean-àite anns na dùthchannan Lochlannach agus a’ Ghàidhealtachd againne. Agus as t-samhradh bha mi ann an nàdar de dhùthaich Lochlannach, ged a tha e mar phàirt de dh’Alba. Bha mi ann an Arcaibh – far a bheil na h-ainmean-àite cha mhòr gu lèir a’ tighinn bho sheann chànan nan Lochlannach.
Chuir mi seachad dà latha ann an Stromness agus abair gu bheil am baile beag sin brèagha. Mo bheannachd aig an luchd-dealbhachaidh air Comhairle Arcaibh a rinn cinnteach nach biodh an seann bhaile air a sgrios le togalaichean grànda ùra. Is bochd nach robh iad an sàs anns an dearbh ghnothach anns a’ bhaile agam fhìn – Inbhir Nis. Ach fàgaidh mi an gearan sin do latha eile!
Tha e furasta gu leòr obrachadh a-mach dè tha an t-ainm Stromness a’ ciallachadh. Tha strom a’ ciallachadh “sruth-mara” agus tha ness a’ ciallachadh “rubha”. Chithear an dà rud sin ann an grunn àiteachan ann an Alba. Faisg air a’ bhaile, tha sruth mara eagallach anns a’ chaolas eadar Tìr-mòr Arcaibh agus na h-eileanan gu deas oirre. Agus tha mi a’ ciallachadh “eagallach” oir bha sinn a’ deisealachadh gus dhol gu muir ann an gheat. Dh’fheumamaid feitheamh gus am biodh an sruth leinn airson Stromness fhàgail. Bhiodh e fìor dhoirbh dhol na aghaidh.
Gu deas air Stromness tha eilean mòr àrd air a bheil Hòdhaigh. Tha an t-ainm a’ ciallachadh “eilean àrd”. Fhad ’s a bha sinn a’ dol seachad air an eilean anns a’ bhàt’-aiseig, thàinig e a-steach orm gun robh e rudeigin eadar-dhealaichte bhon chòrr de dh’Arcaibh. Chithear mòinteach ann, is talamh garbh agus fraoch – rudan nach eil cumanta ann an eileanan eile ann an Arcaibh. Tha iadsan uabhasach torrach, feurach. “Nam biodh na Gàidheil riamh ann an àite sam bith an Arcaibh, seo far am bitheadh iad,” shaoil mi rium fhìn.
Agus, nuair a fhuair mi grèim air cairt-dùthcha dhen eilean, bha ainm no dhà ann a bha a’ coimhead rudeigin Gàidhealach, ’s dòcha. Laigh mo shùil air ainm a th’ air a litreachadh c-l-i-c-k-n-a-f-e-a. “Rudeigin na fèith” ’s dòcha – of the bog channel? Uill, leis gun robh an t-sìde nar n-aghaidh airson seòladh, bha ùine agam dhol don leabharlann ann an Kirkwall, prìomh bhaile Arcaibh. “Ciamar a chanar an t-ainm-àite seo?” dh’fhaighnich mi dhen leabharlannaiche. “Chan eil fhios agam,” fhreagair ise. “’S ann à Sligeach an Èirinn a tha mise!”
Gu fortanach bha tèile ag obair ann a bhuineadh do dh’Arcaibh, agus thug ise dhomh fuaimneachadh an ainm – Click-na-FIA. Agus fhuair mi a-mach gur e fea a chanas iad an-diugh ann an Arcaibh ris an eileamaid a thàinig bhon t-seann Lochlannais fjall, a’ ciallachadh “cnoc”. Tha e cumanta gu leòr agus, gu dearbh, chan eil e Gàidhealach idir.
Ach tha cuid, a th’ air sùil a thoirt air ainmean-àite Arcaibh dhen bheachd gur dòcha gur ann à cànan Ceilteach – Gàidhlig no Cruithnis – a thàinig cuid dhiubh. Bheir sinn sùil air feadhainn an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: spòrsail: good fun; Arcaibh: Orkney; gearan: complaint; sruth-mara: marine current; eagallach: frightening; Hòdhaigh: Hoy; torrach, feurach: fertile and grassy; leabharlannaiche: librarian; Cruithnis: Pictish language.
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: I can hardly wait for the proposed historical dictionary of Scottish Gaelic to appear – although it will be at least thirty years. Another good reason to keep my cholesterol level down so that I live to see it! I’d love to find out, for example, why we adopted Graonlainn (or A’ Ghraonlainn) as our name for Greenland – after the Norse Grønland (without grøn becoming grèin as it did in several Gaelicized place names), whereas we adopted the name of a mythical island, Innis Tìle (“the Island of Thule”) for Iceland. This island is shown (erroneously) on an old Scandinavian map on display in Kirkwall Museum. The Irish have the same name as we do for Greenland, but they adopted the Scandinavian name for Iceland and call it An Íoslainn. Can anyone offer me an explanation?
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 25 Jul 200811:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




