
09/05/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 462
Duration: 05:06
Litir 462: An Nighean an Reiceadh
Thòisich mi an t-seachdain sa chaidh air an sgeulachd thraidiseanta An Nighean an Reiceadh. Bha an nighean air mionnachadh air fàinne a’ choigrich nach fhaiceadh e tuilleadh i. Agus airson sin, cha mharbhadh esan i. Thilg e am fàinne air a’ mhuir.
Dh’fhàg iad beannachd aig a chèile. Mu shia uairean feasgar, thàinig an nighean gu taigh duine-uasail. Dh’fhasdaich an duine-uasal i. Bha i air mhuinntireas aige fad trì bliadhna. Chòrd i ris gu math. An ceann nan trì bliadhna cò chunnaic i tighinn ach an duine a bh’ air a ceannach.
Bha iad ag iasgach bhodach ruadha an oidhche roimhe sin. ’S e bodach ruadh trosg beag. Bha ise a’ sgoltadh nam bodach, is i na còcaire, agus dè leum a-mach à fear dhiubh ach fàinne! Sheall i air, agus bha ainm-san air. B’ e sin fàinne an duine a cheannaich i! Chuir i mu a meur e.
An làrna-mhàireach thàinig esan còmhla ris an duine-uasal gu dìnnear. Dh’aithnich ise esan glè mhath ach cha do leig i dad oirre. An dèidh na dìnnearach, nuair a bha e a’ falbh, dh’fhàg e beannachd aig an duine-uasal eile.
“Trobhad an seo, a nighean,” thuirt e. Chaidh i far an robh e aig ceann an taighe.
“Seadh,” ars esan, “nach do mhionnaich thusa dhòmhsa o chionn a leithid seo de bliadhnaichean nach fhaicinn thu gus am faicinn am fàinne a thilg mi a-mach air a’ mhuir?”
“Mhionnaich,” ars ise.
“Dè tha thu ag iarraidh a dhèanamh ort fhèin a-nis?” dh’fhaighnich e.
“A bheil thu a’ faicinn an fhàinne a thilg thu a-mach?” thuirt a’ chaileag. Thug i am fàinne far a meòir.
“Dè mar a fhuair thu am fàinne?” ars esan. “Chan urrainn dhòmhsa cur às dhut, tha sin fìor, ged a dh’fheuch mi. Thèid thu a-staigh is gheibh thu do phàigheadh on duine-uasal. Cha bhi thu nas fhaide aige. Pòsaidh mi thu. Sgrìobhaidh mi litir agus cuiridh mi a Dhùn Èideann thu a chum ’s gum faigh thu ionnsachadh sgoile.”
Chaidh an nighean a-staigh agus dh’iarr i a tuarastal. Sgrìobh an coigreach litir gu a bhràthair ann an Dùn Èideann.
“Falbhaidh thu a-nis,” ars esan, “gu ruige Dùn Èideann. Tha mo bhràthair ann. Bidh thu latha is bliadhna ann an sgoil còmhla ris na nigheanan aige fhèin. An ceann bliadhna, ruigidh mise thu agus pòsaidh mi thu.”
Thug e dhi an litir. Dh’fhalbh i leatha. Bha i air an rathad, taobh a-muigh Ghlaschu, nuair a thàinig an oidhche oirre. Chaidh i gu taigh tuathanaich.
“Cò às a thàinig a’ chaileag nach eil mi ag aithneachadh?” thuirt an tuathanach. “’S e caileag Ghàidhealach a th’ annamsa,” ars ise.
An dèidh greis, thuirt an tuathanach, “Dè an naidheachd as fheàrr a th’ aig a’ chaileig Ghàidhealaich dhuinn a-nochd? Dè dh’èirich dhut a dh’innseas tu dhuinn?”
“Tha naidheachdan gu leòr agam orm fhìn,” thuirt i, agus dh’innis i mar a dh’èirich dhi, o thoiseach gu deireadh.
“Agus ’s e e fhèin a chuir an litir leat an-dràsta?” ars an tuathanach. “’S e,” fhreagair i.
“Nam biodh tu cho math is a leigeil dhomh a faicinn,” thuirt an tuathanach. Sheall i an litir dha. Dh’ iarr e oirre an litir fhosgladh. Agus leugh e i.
Bha ise deimhinne gun robh an coigreach laghach dhi a-nise. Ach an robh? Dè bha anns an litir? Gheibh sinn a-mach anns an ath Litir againne.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: Trobhad an seo, a nighean: come here, lass. Are you familiar with the fact that the initial “n” in nighean (vocative singular case) is lenited? We don’t show lenited n’s in writing although, had the system been invented differently, it might have been written “a nhighean”. If you forget this, think of caileag. We say “a chaileag” addressing the girl.
Because it is a feminine noun we lenite it but do not slenderise it cf masculine nouns which are lenited and slenderised in the vocative singular (“A Dhòmhnaill!; a bhalaich!) But how are you going to lenite the “n” in speech? Here’s a guide: think of the “n” in the English “new” as being like the unlenited Gaelic “n”, whereas the “n” in English “no” is like the lenited Gaelic “n”. It’s one of the finer points of the language and I’d advise you to ask your teacher or a fluent, particularly native, speaker to help you.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 9 May 200811:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 10 May 200810:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




