
Ulan Bator gu Beijing
Maureen Nicleòid air turas trèana eadar Moscow agus Beijing. An-diugh a ceann-uidhe. On her train journey from Moscow to Beijing, Maureen Macleod today arrives at her destination.
Ann an 2007 ghabh Maureen NicLeòid an turas trèana ainmeil eadar a' Ruis agus Sìona, air an Trans-Mongolian Railway. Dh'fhalbh i à Moscow agus i a' dèanamh air Beijing, a' stad ann an iomadach àit' air an t-slighe, agus shiubhail i 9000 cilemeatair ann a naoi là deug, le seachd là dhen a sin air an trèana. Na cois, thug i leatha inneal-clàraidh airson cuimhne a chumail air a turas. Choinnich i luchd-turais às a h-uile ceàrnaidh dhen t-saoghal agus chunnaic i seallaidhean iongantach . A seo tha i a' tarraing dealbh dhuinn air na chunnaic, na chuala, na bhlais i agus na dh'fhairich i air a cuairt.
'S ann am baile Ulan Bator, prìomh-bhaile Mongolia, le a toglaichean Sòibhiatach agus ìomhaighean Genghis Khan a tha Maureen a' tòiseachadh a' phrògram mu dheireadh den t-sreath. Tha i duilich 's i a' fàgail Mongolia ach tha seallaidhean Fàsach Gobi roimhpe. Mu dheireadh tha i ruighinn crìochan Shìona agus tha i a' dealachadh rinn mu leth-uair a thìde a-mach à Beijing agus i a' coimhead air ais air a turas shònraichte.
Last on
Broadcasts
- Fri 18 Apr 200811:35BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 19 Apr 200810:30BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 2 Jan 200917:10BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 20 Jun 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 21 Jun 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Jun 201414:30BBC Radio nan Gàidheal
