
Lake Baikal gu Ulan-Ude
3. Maureen Nicleòid air turas trèana eadar Moscow agus Beijing. An-diugh gu Mongolia. On her train journey from Moscow to Beijing, Maureen Macleod today travels to Mongolia.
Ann an 2007 ghabh Maureen NicLeòid an turas trèana ainmeil eadar a' Ruis agus Sìona, air an Trans-Mongolian Railway. Dh'fhalbh i à Moscow agus i a' dèanamh air Beijing, a' stad ann an iomadach àit' air an t-slighe, agus shiubhail i 9000 cilemeatair ann a naoi là deug, le seachd là dhen a sin air an trèana. Na cois, thug i leatha inneal-clàraidh airson cuimhne a chumail air a turas. Choinnich i luchd-turais às a h-uile ceàrnaidh dhen t-saoghal agus chunnaic i seallaidhean iongantach. A seo tha i a' tarraing dealbh dhuinn air na chunnaic, na chuala, na bhlais i agus na dh'fhairich i air a cuairt.
'S ann air an trèana eadar Lake Baikal agus Ulan-Ude, prìomh-bhaile poblach Buryat san Ruis. Tha i toirt iomradh air manaidhean Buddhist agus an teàmpull ann an Ulan-Ude ann a Siberia. Tha i cuideachd ag innse mu bhith dol tarsainn air a' chrìch a Mhongolia agus tha i ag ionnsachadh facal na dhà dhen chànan bho neach-turais eile.
Last on
More episodes
Maureen agus companaich siubhail ann an Ulan-Ude

Broadcasts
- Fri 4 Apr 200811:35BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 5 Apr 200810:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 31 Dec 200817:10BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 6 Jun 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 7 Jun 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Jun 201414:30BBC Radio nan Gàidheal