
Moscow gu Ykaterinberg
Maureen Nicleòid air turas trèana eadar Moscow agus Beijing. An-diugh gu Ykaterinberg. On her train journey from Moscow to Beijing, Maureen Macleod today travels to Ykaterinberg.
Ann an 2007 ghabh Maureen NicLeòid an turas trèana ainmeil eadar a' Ruis agus Sìona, air an Trans-Mongolian Railway. Dh'fhalbh i à Moscow agus i a' dèanamh air Beijing, a' stad ann an iomadach àit' air an t-slighe, agus shiubhail i 9000 cilemeatair ann a naoi là deug, le seachd là dhen a sin air an trèana. Na cois, thug i leatha inneal-clàraidh airson cuimhne a chumail air a turas. Choinnich i luchd-turais às a h-uile ceàrnaidh dhen t-saoghal agus chunnaic i seallaidhean iongantach. A seo tha i a' tarraing dealbh dhuinn air na chunnaic, na chuala, na bhlais i agus na dh'fhairich i air a cuairt.
An-diugh tha i a' dèanamh inneas air an trèana, air na babushkas, air cladh ainmeil agus air cleachdadh annasach a th' aig càraidean a th' air ùr-phòsadh ann a Ykaternberg, air crìoch na Roinn Eòrpa agus Àisia.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Broadcasts
- Fri 21 Mar 200811:35BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 22 Mar 200810:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 29 Dec 200817:10BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 23 May 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 24 May 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 May 201414:30BBC Radio nan Gàidheal
