
Gort, Uath, Iubhar agus Luis
Sùil fharsainn air an dàimh a th' aig na Gàidheil ri craobhan. An overview of the Gaels' relationship with trees.
'S e 2020 Bliadhna nan Craobh agus tha sinn dha chomharrachadh le sreath a tha a' toirt sùil air craobhan na Gàidhealtachd. Ma bheir sibh sùil air còmhdach faclair Èideard Dwelly, chì sibh dealbh de chraobhan agus iad a' dol mar seo - ailm, beithe, coll, dair, eadha, feàrna, gort, uath, iogh, luis, muin, nui'S e 2020 Bliadhna nan Craobh a tha sinn dha chomharrachadh le sreath a tha a' toirt sùil air craobh na Gàidhealtachd. onn, beithe bhog, ruis, suil, teine agus ur. Tha na craobhan a' comharrachadh litrichean na h-aibidil sa Ghàidhlig, a' sealltainn cho cudromach 's a tha craobhan do na Gàidheil.
A seo tha Dòmhnall Dòmhnallach bho ionad Àrois am Port Rìgh dhar toirt cuairt timcheall coille na h-aibidil a th' aca a sin agus a' coimhead ri craobhan gort, uath, iubhar agus luis ( neo caoran ). Cluinnidh sinn bhon Dr Iain MacAonghais mu na creideasan a bh' aig daoine anns an iubhar agus tha Anna Latharna NicIllÌosa a' coimhead ris an àite a th' aig craobhan anns a' bhàrdachd Hallaig aig Somhairle MacGill-Eain agus mun umhail a chur na Hiortaich air craobhan an dèìdh dhaibh an t-eilean fhàgail. Tha an Canèidianach, Rob Dunbar ag innse cho duilich 's a bha e do Ghàidheil a thàinig às na h-eileanan gabhail ris a' choille 'ghruamaich' ann an Dùthaich nan Craobh agus a' mìneachadh dè bh' anns a' Choille Dhubh am measg rudan eile. Tha am bàrd Aonghas MacNeacail ag innse mun phròiseact bàrdachd aige a tha a' cleachdadh na h-aibidil agus a' bruidhinn an t-seachdain sa air an iubhar agus air a' chaoran. Tha sin agus sean-fhacail, bàrdachd agus òrain ri chluinntinn.
Chaidh an t-sreath a chraoladh an toiseach ann an 2008.
Last on
Broadcasts
- Mon 7 Jan 200811:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 7 Jan 200822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 28 Jan 201011:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 28 Jan 201022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 31 Jan 201013:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Dec 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Dec 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Jan 202110:00BBC Radio nan Gàidheal