
31/12/2007
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
![]()
An Litir Bheag 137
Duration: 03:43
An Litir Bheag 137
Bha mi ann an Èirinn o chionn mìos. Bha mi aig an Oireachtas. ’S e sin fèill mhòr nan Gàidheal. Tha e rudeigin coltach ris a’ Mhòd ann an Alba.
Bha an t-Oireachtas ann an Cathair na Mart. ’S e Cathair na Mart, no Westport, baile beag ann an Contae Mhaigh Eo. Tha sin air taobh an iar na dùthcha. ’S e baile beag brèagha a tha ann.
Às dèidh an Oireachtais chaidh mi fhìn agus a’ bhean agam air cuairt anns a’ chàr. Thuirt tè o chionn deich bliadhna gur e Contae Mhaigh Eo an t-àite as brèagha ann an Èirinn. Tè ann an àrd-dhreuchd. Cò bha innte? Cò, ach Màiri Robinson. B’ ise Uachtaráin – Ceann-suidhe – Poblachd na h-Èireann aig an àm. Rinn mi agallamh leatha ann an Gàidhlig airson Radio nan Gàidheal. Bha ise a’ bruidhinn ann an Gaeilge. Bha i ann an Alba, a’ comharrachadh bàs Chaluim Chille ann an còig ceud, naochad ’s a seachd (597).
A’ leantainn moladh Màiri, chaidh mi fhìn agus a’ bhean agam timcheall pàirtean de Chontae Mhaigh Eo. Chaidh sinn air rathad air an taobh an iar. Chaidh e gu deas air baile air a bheil Louisburgh. Ann an Gaeilge, ’s e Cluain Cearbán an t-ainm a tha air – buttercup meadow. Nach eil sin nas snoige na Louisburgh?!
Cha do stad sinn anns a’ bhaile. Chaidh sinn air an rathad gu deas. Tha an rathad a’ dol ri taobh loch air a bheil an Dubh Loch. ’S e àite garbh, brèagha a tha ann. Tha e car coltach ri Gàidhealtachd na h-Alba. Faisg air an Dubh Loch chunnaic sinn carragh-cuimhne. Bha e ri taobh an rathaid.
Stad sinn an càr. Sgrìobhte air a’ charragh-chuimhne – ann am Beurla – bha seo: To commemorate the hungry poor who walked here in 1849 and walk the third world today. Bha e a’ cuimhneachadh earrann bho eachdraidh na Gorta Mòire. Air an taobh eile bha seo: “In 1991 we walked AFRI's great famine walk at Doolough and soon afterwards we walked the road to freedom in South Africa”: Archbishop Desmond Tutu.
Bha mi ag iarraidh tuilleadh fhaighinn a-mach mu na thachair faisg air an Dubh Loch. Agus innsidh mi dhuibh na dh’ionnsaich mi an ath-sheachdain.
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: o chionn mìos: a month ago; fèill mhòr nan Gàidheal: the great festival of the Gaels; rudeigin coltach ri: somewhat like; Contae Mhaigh Eo: County Mayo; taobh an iar na dùthcha: the west side of the country; chaidh mi fhìn agus a’ bhean agam air cuairt anns a’ chàr: my wife and I went on a trip in the car; thuirt tè o chionn deich bliadhna: ten years ago a lady said; an t-àite as brèagha: the most beautiful place; ann an àrd-dhreuchd: in high office; cò bha innte?: who was she?; Ceann-suidhe Poblachd na h-Èireann: President of the Irish Republic; a’ comharrachadh bàs Chaluim Chille: commemorating the death of St Columba [1400 years previously]; a’ leantainn moladh Màiri: following/obeying Mary’s recommendation; nach eil sin nas snoige na?: isn’t that nicer than?; cha do stad sinn: we didn’t stop; ri taobh loch: beside a loch; chunnaic sinn carragh-cuimhne: we saw a memorial; sgrìobhte: written; ag iarraidh tuilleadh fhaighinn a-mach: wanting to find out more; mu na thachair: about what happened; innsidh mi dhuibh na dh’ionnsaich mi: I’ll tell you what I learned.
Broadcast
- Mon 31 Dec 200719:00BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.




