
Ailm, Beithe agus Coll
Sùil fharsainn air an dàimh a th' aig na Gàidheil ri craobhan. An overview of the Gaels' relationship with trees.
'S e 2020 Bliadhna nan Craobh agus tha sinn dha chomharrachadh le sreath a tha a' toirt sùil air craobhan na Gàidhealtachd. Ma bheir sibh sùil air còmhdach faclair Èideard Dwelly, chì sibh dealbh de chraobhan agus iad a' dol mar seo - ailm, beithe, coll, dair, eadha, feàrna, gort, uath, iogh, luis, muin, nuin, onn, beithe bhog, ruis, suil, teine agus ur. Tha na craobhan a' comharrachadh litrichean na h-aibidil sa Ghàidhlig, a' sealltainn cho cudromach 's a tha craobhan do na Gàidheil.
A seo tha sinn a' toirt sùil air a' cheangal a tha sin, leis an Dr Iain MacAonghais agus Anna Latharna NicIllÌosa a' coimhead ris an àite a th' aca san dualchas againn, tha Ruaraidh Francis ag innse mu eachdraidh na seann choille, agus tha am bàrd Aonghas MacNeacail ag innse mun phròiseact bàrdachd aige a tha a' cleachdadh na h-aibidil agus e gu h-àraid a' togail an t-seachdain sa air craobhan ailm, beithe agus calltainn ( neo coll ). Tha Dòmhnall Dòmhnallach bho ionad Àrois am Port Rìgh dhar toirt cuairt timcheall coille na h-aibidil a th' aca a sin agus a' coimhead ri na craobhan air a bheil Aonghas ri bàrdachd agus tha Iain Friseal ag innse mar a tha iad a' nochdadh tric ann an ainmean àitichean. Tha sin agus sean-fhacail agus pìosan bàrdachd ri chluinntinn.
Chaidh an t-sreath a chraoladh an toiseach ann an 2008.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Broadcasts
- Christmas Eve 200711:30BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 200722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 4 Jan 200817:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 14 Jan 201011:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 14 Jan 201022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Jan 201013:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 15 Dec 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 15 Dec 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Dec 202010:00BBC Radio nan Gàidheal