Main content
Sorry, this episode is not currently available

17/12/2007

Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.

5 minutes

Last on

Mon 17 Dec 200719:00

Clip

An Litir Bheag 135

Tha stòiridh eile agam dhuibh an t-seachdain seo. A-rithist tha e mu Bhoban Saor. ’S e ainm an stòiridh seo Mar a Fhuair Mac Bhoban Saor a Bhean.

Bha Boban Saor ag iarraidh air a’ ghille aige pòsadh. Chuir e an gille don fhèill chaorach. Bha dà chaora aige. Bha e a’ dol a reic nan caorach. “Can ri daoine,” thuirt athair ris, “gu bheil thu a’ coimhead airson cuideigin a bhios a’ ceannach nan caorach. Bidh e a’ pàigheadh airson pàirt dhiubh. Ach bidh e a’ toirt nan caorach air ais dhut a-màireach.”

Chaidh an gille don fhèill. Dh’fhaighnich daoine, “A bheil thu a’ reic nan caorach?”

“Tha,” ars esan.

“Dè tha thu ag iarraidh orra?”

“Tha a leithid seo de phrìs,” thuirt e. “Feumaidh sibh pàirt de na caoraich a cheannach. Ach feumaidh sibh na caoraich a thoirt air ais dhomh a-màireach.”

Uill, cha do cheannaich duine na caoraich. Dh’fheuch an gille fad an latha. “Dè tha thu ag iarraidh orra?” bha iad a’ faighneachd.

“Tha a leithid seo de phrìs,” thuirt e. “Feumaidh sibh pàirt de na caoraich a cheannach. Ach feumaidh sibh na caoraich a thoirt air ais dhomh a-màireach.”

Thàinig an fhèill gu crìch. Bha na caoraich aig a’ ghille fhathast. Thòisich e air an rathad dhachaigh. Bha e a’ dol seachad air taigh. Thàinig boireannach òg a-mach.

“Cha chreid mi,” ars ise, “gun do reic thu na caoraich agad.”

“Cha do reic,” thuirt an gille. Agus dh’innis e don bhoireannach mar a thachair.

“Ceannaichidh mise pàirt de na caoraich,” ars am boireannach. “Cuir iad don chrò ud. Thig a-steach ’s gum faigh thu do bhiadh.”

“Glè mhath, ma-thà,” fhreagair an gille. Chuir e na caoraich don chrò. Chaidh e a-steach. Ghabh e a bhiadh. Cheannaich am boireannach pàirt de na caoraich. Thug i an t-airgead dha. Dh’iarr i air fuireach airson na h-oidhche. Fhad ’s a bha e na chadal, chaidh i a-mach don chrò. Rùisg i na caoraich. Chùm ise a’ chlòimh – pàirt de na caoraich, ceart gu leòr.

Anns a’ mhadainn chaidh an gille dhachaigh leis na caoraich. Dh’innis e do athair mar a thachair.

Bha am bodach toilichte. “Thalla gu taigh a’ bhoireannaich. Thoir tairgse pòsaidh dhi.”

Chaidh mac Bhoban Saor gu taigh a’ bhoireannaich. Thug e tairgse pòsaidh dhi. Bha i deònach gu leòr a ghabhail. Agus sin mar a fhuair mac Bhoban Saor a bhean.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: Mar a Fhuair Mac Bhoban Saor a Bhean: how Boban Saor’s son got his wife; bha Boban Saor ag iarraidh air a’ ghille aige pòsadh: Boban Saor was wanting his son to marry; don fhèill chaorach: to the sheep sales; a’ dol a reic nan caorach: going to sell the sheep; a’ coimhead airson cuideigin a bhios a’ ceannach nan caorach: looking for somebody who will buy the sheep; airson pàirt dhiubh: for part of them; bidh e a’ toirt nan caorach air ais dhut a-màireach: he will be giving you the sheep back tomorrow; dè tha thu ag iarraidh orra?: what do you want for [on] them?; a leithid seo de phrìs: this particular price [the storyteller doesn’t name the actual price]; feumaidh sibh pàirt de na caoraich a cheannach: you must buy part of the sheep; dh’fheuch an gille fad an latha: the lad tried all day; gu crìch: to [its] end; cha chreid mi,” ars ise, “gun do reic thu na caoraich agad”: “I don’t think,” she said, “that you sold your sheep”; dh’innis e don bhoireannach mar a thachair: he told the woman what had happened; ceannaichidh mise: I will buy; don chrò ud: into that animal pen; thig a-steach ’s gum faigh thu do bhiadh: come in and get some [your] food; fhad ’s a bha e na chadal: while he was asleep; rùisg i: she sheared; chùm ise a’ chlòimh: she kept the wool; thalla gu taigh a’ bhoireannaich: go to the woman’s house; thoir tairgse pòsaidh dhi: make [give] her a proposal of marriage; deònach gu leòr a ghabhail: willing enough to accept it.

Broadcast

  • Mon 17 Dec 200719:00

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast