
26/11/2007
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
![]()
An Litir Bheag 132
Duration: 03:26
An Litir Bheag 132
Bha Johann von Lamont – no John Lamont – ainmeil mar reuladair. Bha e cuideachd ainmeil mar eòlaiche air iùil-tharraing. Chruthaich e uidheamachd airson iùil-tharraing a thomhas. Rinn e obair mhòr air iùil-tharraing na Talmhainn. Rinn e rannsachadh air mar a ghluaiseas snàthad iùil-tharraingeach fo bhuaidh na gealaich. Bha e gu math ainmeil ann an saoghal saidheans – air feadh an t-saoghail.
Chaidh an reuladair, an t-Iarla Crawford, a chèilidh air von Lamont. Bhruidhinn e ris ann an Gearmailtis. Ghabh e iongnadh nuair a fhreagair von Lamont ann am Beurla, le blas Albannach.
Airson còrr is leth-cheud bliadhna, bha von Lamont a’ fuireach leis fhèin ann am baile beag faisg air Munich. Chaochail e an sin ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a naoi (1879). Bha airgead mòr aige sa bhanca. Cha do phòs e. Cha robh clann aige. Mar sin, thug e an t-airgead do dh’Oilthigh Mhunich. Bha sin mar thaic-airgid do dh’oileanaich.
Bha iomradh air a bhàs anns na pàipearan-naidheachd anns a’ Ghearmailt. Leugh Bana-phrionnsa na Gearmailt iomradh air. B’ ise nighean Banrigh Bhictoria. Sgrìobh i gu a màthair. Bha i ag iarraidh oirre faighinn a-mach an robh càirdean aig von Lamont fhathast beò ann am Bràigh Mhàrr.
Bha fear à Bràigh Mhàrr ag obair don Bhanrigh ann am Windsor. Dh’iarr Bhictoria air rannsachadh a dhèanamh. Rinn e sin. Fhuair e a-mach gun robh nighean agus oghaichean aig leth-phiuthar von Lamont fhathast beò.
Chaidh carragh-cuimhne do von Lamont a chur suas. Bha sin ann an Inbhir Èidh. Chaidh an carragh a chur suas ann an naoi ceud deug, trithead ’s a ceithir (1934).
Ach tha von Lamont air a chuimhneachadh ann an àite eile. Tha an t-àite sin fada air falbh. Tha e air a’ ghealaich! Tha toll air uachdar na gealaich air a bheil an t-ainm “Lamont”. Tha sin air Muir a’ Chiùineis – faisg air far an tàinig Apollo 11 gu tìr, leis na ciad daoine riamh a choisich air a’ ghealaich.
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: ainmeil mar reuladair: famous as an astronomer; eòlaiche air iùil-tharraing: an expert on magnetism; chruthaich e uidheamachd airson iùil-tharraing a thomhas: he created equipment to measure magnetism; na Talmhainn: of the Earth; rinn e rannsachadh air: he did research on; mar a ghluaiseas snàthad iùil-tharraingeach: how a magnetic needle moves; fo bhuaidh na gealaich: under the influence of the moon; chaidh X a chèilidh air Y: X went to visit Y; bhruidhinn e ris ann an Gearmailtis: he spoke to him in German; ghabh e iongnadh nuair a fhreagair von Lamont ann am Beurla: he was surprised when von Lamont replied in English; còrr is leth-cheud bliadhna: more than fifty years; a’ fuireach leis fhèin: living by himself; chaochail e: he died; bha airgead mòr aige sa bhanca: he had a lot of money in the bank; cha robh clann aige: he had no children; mar thaic-airgid do dh’oileanaich: as financial assistance to students; iomradh air a bhàs: a report on his death; Bana-phrionnsa na Gearmailt: The [Crown] Princess of Germany; nighean Banrigh Bhictoria: a daughter of Queen Victoria; ag iarraidh oirre faighinn a-mach an robh càirdean aig von Lamont fhathast beò: wanting to find out if there were relatives of von Lamont still alive; Bràigh Mhàrr: Braemar (properly in Gaelic it is an area, the “upland of Mar” – the village itself is Baile a’ Chaisteil); carragh-cuimhne: memorial stone; Inbhir Èidh: Invereye; tha von Lamont air a chuimhneachadh ann an àite eile: von Lamont is remembered in another place; air a’ ghealaich: on the moon; toll air uachdar na gealaich: a crater on the surface of the moon; Muir a’ Chiùineis: The Sea of Tranquility; faisg air far an tàinig Apollo 11 gu tìr: close to where Apollo 11 came to land; na ciad daoine riamh a choisich air a’ ghealaich: the first people ever who walked on the moon.
Broadcast
- Mon 26 Nov 200719:00BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.




