
A' Bhò Bhàn agus Queenie
Sealladh pearsanta air òige san Eilean Sgitheanach le Màrtainn Dòmhnallach. Martin MacDonald reflects on his youth in Skye during the Second World War.
B' e Sgitheanach gu smior a bh' anns a' chraoladair agus an fhear-naidheachd, Màrtainn Dòmhnallach, a chaochail sa Ghearran 2016. Ged a thug obair a dh' Inbhir Nis e airson a' mhòr-chuid dha bheatha, b' ann san Eilean a bha a fhreumhan agus a chridhe. Rugadh e ann an 1937 ann an Taigh nam Bughannan, leth-mhìle bho bhaile Achadh a' Choirce agus mu dhà mhìle à Port Rìgh. 'S ann air na làithean tràth sin a tha e a' cuimhneachadh ann a Lorgan M' Òige, le athair air falbh sa chogadh agus a mhàthair dha thogail agus gun clann eile faisg. Tha an sgrìobhadh agus an aithris na dheagh eisimpleir air a' liut a bh' aig Màrtainn air seanchas innse le snas agus eireachdas. Chaidh Lorgan M' Òige a chraoladh an toiseach ann an 2003.
Last on
Broadcasts
- Tue 3 May 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 3 May 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 May 201610:00BBC Radio nan Gàidheal
- Boxing Day 201617:15BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 3 Aug 202008:45BBC Radio nan Gàidheal