Main content
Bonnaich Ghròiseid
Na Bonnaich Ghròiseid aig Kerrie NicIlleathain
200 g gròiseidean air an gearradh ann an dà leth (ùr neo reòta)
150 ml ola
175 g siùcar mìn ruadh
½ cupa bainne
Spàin-tì brìgh-almoin
1 ugh air a bhualadh
200 g flùr èirigh
2 spàin-tì pùdar-fuine
75 g almoin pronn
Pìosan almoin
Siùcar òr ruadh

Buail an ola agus an t-siùcar ri chèile.
Cuir ris am bainne, an t-ugh agus am brìgh-almoin. Cuir mun cuairt a-rithist.
Ann am bobhla eile cuir am flùr is am pùdar-fuine tro shìolachan. Cuir ris na h-almoin.
Dòirt a-staigh na gròiseidean dhan stuth tioram agus cuir mun cuairt gus am bith iad air an còmhdach san fhlùr.
Cuir an stuth fliuch na mheasg agus cuir mun cuairt.
Dòirt a-staigh ann an cèisean muffin agus crath beagan almoin is siùcar air an uachdar.
Bruich aig teas 190C airson 15 – 20 mionaid.