Main content

Am Mìlsean Smùidte aig Màiri, le Ginèibhir agus Grapefruit Pinc

Airson an t-siorap:

2 grapefruit pinc
100ml sùgh grapefruit
6 unns siùcar
1 spàinn-mhòr min-arbhair

Ruisg an grapefruit, agus geàrr ann am pìosan. Cuir seo ann am pana leis an t-sùgh grapefruit agus an t-siùcar. Cuir seo air an teas agus goil air a shocair fad leth uair a thìde. An uair sin, cuir tro shìoltachan e.

Airson a' chèic:

8 unns flùr-èirigh
4 unns margarain
4 unns siùcar
2 ugh
4 spàinn-mhòr sineabhar

Cuir a h-uile rud ann am bobhla agus measgaich còmhla gu math.

Smeur ìm ann am bobhla-mìlsean agus lìon am bonn leis an t-siorap. Lìon am bobhla an uair sin leis an taois agus cuir mullach air (no dèan fear le pàipear-bèicearachd agus foidhle), a’ fàgail rùm gus an èirich a' chèic.

Cuir am bobhla ann am pana de dh’uisge goileach agus bruich airson mu uair a thìde. Dèan cinnteach nach tiormaich am pana, cuir barrachd uisge ann ma dh’fheumar.

Nuair a tha e deiseil, tionndaidh am mìlsean a-mach bun-os-cionn air soitheach.