Main content

Asnaichean Muilt

Na h-Asnaichean Muilt aig Màiri Anna NicChoinnich

Asnaichean Muilt – dhà neo trì asnaichean an duine

Cuir foidhle air cnàmhan na h-asnaichean feuch nach loisg iad fhad ‘s a tha thu bruich an fheòil. Fraidhig an fheòil ann am pana teth le beagan ola gus am fàs e ruadh. Cumaidh seo tais e nuair a tha thu ga bhruich. An uair sin cuir dhan àmhainn e airson mu leth uair a thìde neo trì chairteal na h-uaireach – a rèir do thoil fhèin agus dè cho bruich ‘s a tha thu ga iarraidh.

Sabhs Cnò-challtainn agus Uisge-Beatha

½ uinnean air a ghearradh mìn
2 bhalg-bhuachair air an gearradh mìn
2 spàin mhòr cnothan-calltainn
1 spàin mhòr puree tomàtothan
Dà steall mòr uisge-beatha
Steall uachdar

Geàrr an t-uinnean agus na balgain-buachair gu math mìn. Faodaidh tu am bleith airson am faighinn cho mìn sa ghabhas.

Fraidhig an t-uinnean agus na balgain-buachair ann am beagan ìm airson mionaid neo dhà ach am fàs iad bog. Cuir dà làn spàin mhòr de chnòthan-calltainn briste na luib agus aon làn spàin mhòr de purée thomàtothan. Dòirt steall mòr de dh’uisge beatha a-steach le steall uachdair. Crathadh salann is piobar a rèir do thoil fhèin.

Bheir an fheòil a-mach às an àmhainn agus leig leis airson treiseag (mu 10 mionaidean). Sgar na h-asnaichean bho chèile agus cuir air truinnsear iad leis an t- sabhs. Faodaidh tu glasraich is eile a chur còmhla ris ma tha thu ga iarraidh.