Main content

Uighean Albannach

Na h-uighean Albannach aig Màiri

1 punnd feòil isbeanan
2 meanbh-uinnean bheaga no aon meanbh uinnean mòr
Cnap ìm
Rùsg 1 liomaid
½ spàin-tì mace grunnd
1 spàin-bùird Sàiste
4 uighean air am bruich
Salainn is piobar
Flùr lom son còta
½ ugh air a bhuaileadh
Mu 6 unnsaichean de chriomagan arain
Pana-domhain ola

Cuir na h-uighean ann am pana le bùrn goileach agus bruich iad airson 7 mionaidean. Thoir na h-uighean a-mach as a’ bhùrn agus cuir bùrn fuar orra son nach cùm iad orra a’ còcaireachd. Rùsg na h-uighean gu faicealach.
Ann am pana fraighig na meanbh-uinneanan leis an t-ìm airson 5-6 mionaidean. Cuir iad ann am bobhla agus leig leotha fuarachadh. Cuir am mace, rùsg a liomaid, an t-sàiste, an fheòil agus salainn is piobar na mheasg. Measgaich seo an àirde. Roinn ann an ceithir pìosan mun aon mheud agus roilig gach pìos a-mach ann an cumadh bàla le do làmhan. Bu chòir beagan flùr a bhi air do làmhan nuair a tha sibh a’ cur cumadh air na buill.
Cuir pìos mòr cling film air do bhòrd-obrach agus cuir beagan flùr air a mhuin. Laigh aon bàla sìos, cuir barrachd flùr air agus roilig seo gus am bi e mòr gu leòr son a dhol timcheall an ugh. Paisg an fheòil timcheall an ugh gu faicealach agus brùth na h-oirean còmhla, a dèanamh cinnteach nach eil beàrn ann. Cuir iad dhen frids airson cairteal na h-uaireach.
Teasaich pana domhain ola gu 180 Celsius. Roilig gach bàla ann am flùr, san uair sin còta ugh, san uair sin còta aran tiugha. Put na criomagan arain le do chorragan airson còta math aran. Fraighig dà bhàla aig an aon àm airson 8-9 mionaidean gus am bi dath an òir orra. Dèan cinnteach bu bheil an fheòil air a bhruich cuideachd. Cuir na buill air tubhailt-cidsin airson an ola a thogail. Ith iad teth le sailead no fuar a-muigh air picnic.