Main content
Sgonaichean Gràn-Innseanach
Na reasabaidhean bhon t-sreath

12 unnsaichean min-fhlùir a dh’èireas
4 unnsaichean gràin innseanach (neo polenta)
2 spàin tì pùdar fuine
Steall de bhainne
2 unnsa ola glasraich
Measgaich còmhla an stuth tioram agus an uair sin dòirt a-steach an ola agus steall de bhainne. Cùm air a mheasgachadh gus an tig e uile còmhla. Tha còir gum bi e sticeach, gun a bhith ro fhliuch.
Roilig a-mach an taois agus geàrr suas i ann an ceathramhan neo cumaidhean nas lugha.
Bruich ann an àmhainn aig teas 220C airson timcheall air 10-15 mion.