Main content

An t-Aran-Sòda le Rèiseidean aig Fiona

400g flùr lom
50g coirce airson lite
1 spàin-tì sòda-arain
1 spàin-tì siùcar-castoir
1 spàin-tì salann
100g rèiseidean
300ml bainne goirt

Measgaich còmhla ann am bobhla am flùr, sòda-arain, salann agus siùcar-castoir.

An uairsin, cuir ann a' choirce lite agus na measan.

Dòirt a-steach am bainne agus cuir mun cuairt gus am bi e na bhonnach.

Teasaich an àmhainn aig 180c fan (200c às aonais fan).

Bi faiceallach nach obraich thu na taoise cus – dìreach gu leòr airson bonnach a dhèanamh. Le sgian, dèan crois sìos meadhan a' bhonnaich. Cuidichidh seo e èirigh san àmhainn.

Cuir am bonnach a-steach dhan àmhainn airson leth uair a thìde. Às dèidh 30 mionaid, tionndaidh am bonnach agus cuir air ais dhan àmhainn e airson 10 mionaidean eile gus am bi e bruich.