Sailead Ioma-dhathach / Multi-coloured Salad
AIRSON 4
STUTHAN
350g cumaidhean pasta
200g pònairean uaine air an gearradh ann am pìosan goirid
160g cana tuna air a shìoladh
4 spàinean mòra mayonnaise
4 spàinean mòra iogart
Leth-phacaid de chreamh-ghàrraidh air a ghearradh
200g tomàtothan air an gearradh nan cairtealan
1 piobar orainds air a ghearradh na chiùbaichean
195g cana coirce-Innseanach air a shìoladh
Bruich am pasta a-rèir an stiùireadh air a’ phacaid agus sìol e gu math.
Bruich na pònairean-uaine ann an uisge goileach airson dà mhionaid. Sgol ann an uisge fuar agus sìol iad.
Measgaich an tuna, am mayonnaise, an iogart agus an creamh-ghàrraidh còmhla.
Cuir am pasta ann am bobhla mòr glainne, no bobhlaichean no crogain nas lugha, agus cuir am measgachadh tuna air muin seo. Cuir sreath de phònairean-uaine air am muin agus an uairsin sreath thomàtothan, sreath phiobair agus, mu dheireadh, sreath den choirce-Innseanach.
Còmhdaich agus fuaraich sa frids gus am bi thu deiseil airson ithe.
SERVES 4
INGREDIENTS
350g pasta shapes
200g green beans, trimmed and chopped into short lengths
160g can tuna in olive oil, drained
4 tbsp mayonnaise
4 tbsp natural yogurt
½ small pack chives, snipped (optional)
200g cherry tomatoes, quartered
1 orange pepper, cut into little cubes
195g can sweetcorn, drained

Cook the pasta until it is still a little al dente and drain well.
Cook the green beans in simmering water for 2 mins, then rinse in cold water and drain well. Mix the tuna with the mayonnaise and yogurt. Add the chives, if using.
Tip the pasta into a large glass bowl or four small ones, or four wide-necked jars.
Spoon the tuna dressing over the top of the pasta. Add a layer of green beans, followed by a layer of cherry tomatoes, then the pepper and sweetcorn.
Cover and chill until you’re ready to eat.