Main content

Nougat

An Nougat aig Griogair

150g cnòthan MhicÀdhaimh
150g cnò-phiostais air an gearradh
225g siùcar gràinneach
140g mil shoilleir
2 ½ spàinean mòra glùcos lionna
110ml uisge
100g siristean thioram
Gealagan bho 2 ugh mhòr
1 spàin-tì brìgh faoineige
Pàipear-rùs

Cuir air an àmhainn aig teas 100C/80C le gaotharan. Lìnig trèadha le pàipear bèicearachd, cuir na cnòthan uile air an trèadha agus cuir seo san àmhainn airson blàthachadh. Dèan cinnteach nach loisg na cnòthan.

Lìnig tiona ceàrnach 20cm le pàipear-rùs. Cuir an t-siùcar, mil, glùcos agus uisge ann am pana trom agus measgaich gus an leagh an t-siùcar air a shocair. Nuair a tha e uile air a leaghadh, cuir ann tomhas-teasa agus cuir an teas nas àirde gus an goil e. Cùm sùil air an ìre-teothachd.

Nuair a ruigeas an t-siùcar teas 150C, buail an dà ghealag ann am bobhla le inneal-measgachaidh gus an tig iad ri chèile làn adhar.

Nuair a ruigeas an t-siùcar teas 160C, dòirt e gu slaodach dha na gealagan, ga bhualadh fad an t-siubhail. Dèan cinnteach nach tèid an t-siùcar air taobh a’ bhobhla fhèin no an t-inneal-measgachaidh.

Cùm a’ dol ga bhualadh gus am bi e uabhasach tiugh. Bidh coltas gu bheil an t-inneal-measgachaidh a’ dol a bhriseadh, ach cùm a’ dol. An uair sin cuir ann na cnòthan, siristean agus am brìgh agus cuir a h-uile rud mun cuairt le spàin.

Dòirt seo uile dhan tiona, còmhdaich am mullach le pàipear-rùs, agus brùth sìos gus am bi e rèidh. Cleachd bòrd no truinnsear a thèid a-steach dhan tiona, agus cuir seo air a’ mhullach le tionaichean-bìdh no crogain airson cuideam a chur air. Fàg mar seo e gus am fuaraich an nougat, fad beagan uairean a thìde.

Thoir a-mach às an tiona e, a’ fàgail a’ phàipeir-rùs air, agus geàrr an nougat ann am pìosan.