Aran Sòda le Bradan Smocte agus Càise Uachdrach
An t-Aran Sòda le Bradan Smocte agus Càise Uachdrach aig Alasdair MacLeòid
225g flùr plèan
225g flùr plèan slàn-chruithneachd (wholewheat plain flour)
1 spàin-bhùird siùcar muscovado
2 spàin-ti sòda-arain
Spàin-tì salann
284ml bainne goirt
Aon ugh air a bhualadh

Teasaich an àmhainn gu 200C
Grìs treidhe-àmhainn.
Measgaich an fhlùr, an t-siùcar, an t-sòda-arain agus an t-salann ann am bobhla.
Buail aon ugh ann an siuga agus dòirt a-steach am bainne-goirt. Measgaich an dà rud còmhla.
Dean sloc ann an meadhain an stuth tioram anns a’ bhobhla agus dòirt a-steach am bainne agus an t-ugh. Bheir a h-uile sian còmhla le do làmhan. Nuair a tha e air tighinn còmhla, cuir air a bhòrd e far a bheil crathadh de fhlùr. Obraich e airson a thoirt còmhla na bhall. Cuir air an treidhe an taois agus brùth sìos beagan e. Geàrr cumadh croise eu-domhainn na mhullach. Bruich anns an àmhainn an lof airson 30-40 mionaid gus am bi e òr-ruadh.