Paidh Ruadh-Bhàrr agus Càis’-Uachdrach
Am Paidh Ruadh-Bhàrr agus Càis’-Uachdrach aig Màiri Anna NicFhearghais
Cèis pastraidh milis

1 ½ puinnd ruadh-bhàrr
12 unns siùcar
3 spàinean mòra flùr-innseanach
¼ spàin-tì salann
8 unns càise-uachdrach
2 ugh
An toiseachd cuir crathadh min air a bhòrd an uair sin rolaig na taoise còmhnard ann an cumadh cearcall a fhreagras air an soitheach tort agad. Cuir am pastraidh ann an tiona cruinn le bonn a thig a-mach às agus sgioblaich na h-oirean far a bheil an taois ro phailt. Cuir pìos paipear-fuine sìos agus lìon le pònair-crèadha gus a bhruich falamh airson mu 20 mionaid aig 200 Celsius.
Geàrr an ruadh-bhàrr ann am pìosan agus cuir ann am pana e le 8 unnsaichean siùcar agus steall beag uisge. Cuir air an teas e agus bheir suas dhan ghoil e. Nuair a tha e air tighinn chun a ghoil cuir ann am flùr-innseanach a th’air a mheasgachadh le druthag bheag uisge fuar. Bruich gu fàs a h-uile sion a th’ ann tiugh gun a bhith ro sgudalach.
Bheir am pastraidh a-mach às an àmhainn agus cuir suathadh gealagan uigh air bonn a chèis-phastraidh. Dòirt an ruadh-bhàrr a-steach, a’ còmhdach bonn a phaidh ach a fàgail àite gu leòr airson an lìonadh càise. Cuir am paidh air ais dhan àmhainn airson 10 mionaidean aig teas 220 Celsius.
Airson an lìonadh càise buail an càise-uachdrach leis an còrr dhan t-siùcar agus na uighean agus dòirt dhan chèis-phaidh. Till am paidh air ais dhan àmhainn airson leth uair gu 35 mionaidean aig 180 Celsius.