Panna Cotta Cappuccino
Am Panna Cotta Cappuccino aig Donna NicIomhair
500ml uachdar tiugh
100ml bainne
100 g siùcair
100ml cofaidh – seòrsa sam bith
Spàlan faoineag
5 duilleagan dealatain
200 ml uachdar
200 g teoclaid

Ann am pana cuir an t-uachdar agus am bainne ri chèile. A’ dol a-staigh dhan phana tha cuideachd an t-siùcair, cofaidh agus am faoineag. Faodar na sìol a sgrìobadh às an toiseach agus an uair sin an dà chuid sìol is spàlan a chur ris an uachdar. Teasaich gus an leagh an t-siùcar. Chan eile thu airson a ghoil idir.
Fhad ‘s a tha seo ga dhèanamh cuir na duilleagan dealatain ann an uisge fuar gus am bi iad air am bogadh.
Cuir an t-uachdar tron t-sìolachan. Mus cuir thu a-staigh na duilleagan dealatain paisg nad dhòrn iad airson an uisge a thoirt asta. Buail a-staigh trì duilleagan an toiseach agus an uairsin dhà eile.
Dòirt seo ann an cupannan-tì grinn agus cuir dhan fhuaradair iad gus am bi iad tiugh.
Tha Donna gan còmhdach cuideachd le mullach ganache teoclaid a nì thu le bhith leaghadh teoclaid dorcha agus uachdar ri chèile air an socair.