Main content
Stòbhach feòil-muice
An stòbhach feòil-muice aig Torcuil MacLeòid
2 phunnd feòil-muice
¾ pinnt lionn-ubhal
½ pinnt sùgh circe
6 clòbha creamh
Pìos mòr dinnsear
4 glasraich (do thaghadh fhèin)
4 meanbh-uinnean
Poca buntàta ùr

Cuir na glasraich, na h-uinneanan, dinnsear agus an creamh còmhla ris an fheòil, ann an soitheach a tha mòr gu leòr agus freagarrach son an àmhainn. Dòirt sùgh na circe agus a lionn air a mhuin agus cur e dhen àmhainn aig teas 180°C. As dèidh leth uair a thìde thoir e a-mach as an àmhainn agus cuir am buntàta ùr air muin a h-uile sian eile. Cuir mullach air an t-soitheach agus cuir e air ais dhen àmhainn airson leth uair a thìde eile gus am bi am buntàta bruich.