Main content

Bonnaich Parmesan is Tomato Thioram

Na Bonnaich Parmesan is Tomato Thioram aig Barbara Nic a’ Ghobhainn

2 chupa flùr lom
15 g pùdar fuine
Piobar
Salainn
1 cupa caise parmesan
1 ugh
¼ cupa ola-chroinn-ola
1 chupa bainne liath
¼ cupa tomàtothan tiormaichte air an gearradh mìn
2-3 spàinean-tì basail

Tha e cudromach an seo an stuth tioram dhèanamh ann an aon bhobhla agus an stuth fliuch ann am bobhla eile.


A’ cleachdadh sìolachan cuir ri fear dhe na bhobhlaichean am flùr, am pùdar-fuine, piobar agus salainn. Na luib sin cuir an càise agus cuir mun cuairt.


Anns a bhobhla eile cuir an t-ugh, an ola agus am bainne. Buail seo ri chèile le inneal-measgachaidh. Ris a sin cuir na tomàtothan tioram agus buail a-rithist.


Nis cuir an stuth fliuch an luib an stuth tioram, am basail na luib cuideachd, agus paisg a-staigh gus an tig e uile ri chèile agus gu bheil am flùr air a mheasgachadh.


Roinn eadar 12 cèisean bonnaich gan lìonadh tri chairteal suas an oirean.


Bruich san àmhainn aig 160 C airson 20 mionaid.