Am Paidh Shirisean is Gorm-Dhearc aig Griogair
Taois
225g ìm a tha gu math bog
1 ugh
1 bhuidheagan uighe
350g flùr plèan
100g siùcar

Am Paidh
100g silidh shirisean
100ml uisge
½ spàin-tì brìgh faoineige
1 spàin-bùird min-maoise
250g sirisean
250g dearcan gorm
1 spàin-bùird siùcar demerara
Crème fraiche neo iogart airson a chur còmhla ris
Cuir air an àmhainn aig dà cheud Celsius.
An toiseach dèan cinnteach gu bheil an t-ìm blàth, cha mhòr gus leaghadh. Cuir seo ann am bobhla leis a’ bhuidheagan agus an t-ugh slàn. Buail seo ri chèile gu math gus an tèid e am measg a chèile is e mìn, uachdrach.
Cuir ris an t-siùcar agus am flùr agus obraich seo le do làimh. Chì thu gu bheil e deiseil nuair a thig e air falbh bho thaobh a’ bhobhla.
Geàrr dheth an treas cuid dhen taois agus cuir gu dara taobh i. Rolaig an còrr a-mach eadar dà phìos clingfilm ach am bith e cho tiugh ri not. Cuir seo ann an soitheach paidh 10 òirlich agus brùth e sìos gus nach bi builgein aer ann. Fill na h-oire le do chorraig mus toir thu dha suathadh de ghealagain uighe. Bruich am paidh falamh son dhà na trì mhionaidean.
Rolaig a-mach an còrr dhen taois a chur thu gu dara taobh eadar dà phìos clingfilm agus cuir dhan fhuaradair e.
Airson an lìonadh leagh an t-silidh agus an t-siùcar còmhla mus cuir thu ann am min-maoise air a mheasgachadh le drùdhag bheag uisge. Ris a sin cuir am brìgh is na measan agus cuir mun cuairt. Dòirt seo dhan chèise phaidh.
Airson mullach na paidh bheir a-mach am pìos taoise eile bhon fhuaradair agus geàrr i na pìosan fada caol taoise. Sìn iad seo air muin a lìonadh le cumadh snìomhach neo ann an cumadh sam bith a chòrdas riut. Suath am paidh le beagan uighe air a bhualadh, agus crath siùcar ruadh air.
Bruich san àmhainn aig 200C airson 20 mionaid. Às dèidh sin cuir teas na h-àmhainne sìos gu 180C agus bruich airson 20 mionaid eile.