Focaccia
Am Focaccia aig Alasdair Macleòid
350 g flùr làidir geal
½ spàin-tì salainn
7 g beirm a dh’ obraicheas gu luath
2 spàin-bhùird ola-croinn-ola
220 ml uisge blàth
Barrachd ola-croinn-ola airson suathadh
Ròs-Màiri
Oregano
Semolina

Cuir am flùr ann am bobhla mòr agus ris a seo cuir an t-salainn agus am beirm. Dèan
cinnteach ge-tà nach eil an t-salainn is am beirm a’ dol faisg air a chèile. Mar sin salainn air
aon taobh a bhobhla agus beirm air an taobh eile.
An luib seo cuir dà spàin dhen ola-croinn-ola. Cuir seo mun cuairt gu math. Cuir an uisge a-staigh a’ toirt an aire de na chuireas tu ann. Tha teans nach cleachd thu an uisge gu lèir.
Cuir mun cuairt e gus an tig e ri chèile na thaois. Cuir drubhag bheag eile ola-chruinn-ola
ann aig an ìre sa.
Crath flùr air a bhòrd mus cuir thu an taois a-mach air. Obraich na taoise le do làmhan
airson mu 10 mionaidean. Faireachaidh tu nuair a tha e deiseil agus cruth lastaig a’ tighinn
air an taois.
Ann am bobhla le drubhag ola air agus searbhadair air a mhuin fàg seo ann an àite blàth
airson uair a thìde neo uair a thìde gu leth.
Nuair a tha an taois air deagh chuid èirigh a dhèanamh cuir a-mach air a’ bhòrd e agus
obraich e le do làmhan airson an adhar a thoirt às. Dèan cumadh ceart-cheàrnach an ìre
mhath tana – mu cheudameatair - leis an taois agus gluais seo gu treidhe a th’ air suathadh
le ola. Fàg seo a-nis airson leth uair a thìde.
Suath bàrr na taois le barrachd ola agus put sìos air le d’ òrdag airson iomadach lag a
dhèanamh far an tig na lusan. Cuir bìdeag bheag ròs-Màiri ann an gach lag còmhla ri
craiteachan oregano. Crath còmhdach tana de semolina air feadh na taoise. Nì seo e brisg
and breagha buidhe.
Bruich ann am àmhainn theth, teas 200 - 220 C, airson 25 mionaid neo leth uair a th